GF329i02 A' CHÀRAID AIMHREITEACH Beulaiche: Dòmhnall Aonghais mac Fhionnlaigh 'ic Iain 'ic Iain 'ic Fhionnlaigh Mhóir | Dan Angus Beaton Bha càraid anns a' pharaiste agus bha 'ad ùine mhór pòsda. Cha robh 'ad a' faighinn air n-adhart còmhla idir, idir. Thug 'ad iomadh bliadhna 's cha robh 'ad a' bruidhinn ri chéile is nam bruidhneadh 'ad ri chéile, 's ann mosach is crosda. Cha robh facal còrdaichte eadarra ann an dòigh sam bith. Mu dheireadh thall, chaidh a dhèanadh suas nach robh dòigh air an t-saoghal air seo a chur a sheatal na chur air dòigh ach a dhol, an sagart fhaighinn agus innse—an gnothach innse dhan t-sagart—agus gu h-imreadh esan an gnothach a chur air dòigh dhaibh e. Chaidh an sagart—fios a chur air—agus thàinig e. Is bha fear de na seann-taighean seo a bh' ann agus bha similear 's an taigh. 'S e oidhche car mosach a bh' ann a-mach—teine mòr brèagh' aca-san, nan suidhe mu choinneimh an teine. Is thàinig an sagart agus bha 'n triùir aca bruidhinn mu choinneimh an t-simileir. "Uill, uill," thuirt an sagart, "tha e eagallach a' chàraid a tha sibh a th' annaibh an ùine tha sibh còmhla ag aimhreiteachadh is mosach ri chèile. Chan urrainn dhomh sin a thuigsinn—carson a bu chòir dha sin a bhith." Agus dé dh'amais a bhith dìreach anns a' bhlàths aig an teine ach an cat mór, glas agus cù mór còmhla ris, còir, 'ad taobh ri taobh ann an sin nan sìneadh ri taobh a chéile. "Uill, uill, a-nis," thuirt an sagart riutha. "Coimheadaib' fhéin," ars esan, "air a' chù mhór, ghasda tha sin agus an cat ann a' sin còmh' ris, cho math 's tha 'adsan a' faighinn air n-adhart is gun unnta ach beòthaichean, làimh ri daoine. Cho gasda, laghach 's tha 'adsan ri chéile. Carson, an ainm an Fhortain, ma gheobh na beòthaichean air n-adhart cho math sin, còmh' ri chéile, nach fhaigh daoine, gu h-àraid càraid phòsda air n-adhart nas fheàrr na tha sibhse faighinn?" Thug an duine sùil car mosach air, fhios agad. "Uill," thuirt esan, "dèanaibh sibhs' orra mar a rinn sibh oirnne, ceanglaidh sibhse ri chéil' 'ad—fiach dé dh'éireas a-mach!" thuirt esan.