GF329i01 RAGHNALL MAC AILEIN ÒIG AGUS COLUNN GUN CHEANN Beulaiche: Dòmhnall Aonghais mac Fhionnlaigh 'ic Iain 'ic Iain 'ic Fhionnlaigh Mhóir | Dan Angus Beaton Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw Ach co-dhiù, bha turus a' seo—'s ann a' seòladh a bhiodh Raghanll—'s thànaig e dhan bhaile bheag a bha seo. Chual' e gu robh dannsa 'san àite—san àite shònraichte a bha aig taobh eile na beinne. Bha astar mhór mu chuairt ach bha rathad goirid anns nach robh ach mu thrì na ceithir a mhìltean cross a' bheinn bhith coiseachd. Bha e bruidhinn ri seann duine a bha aig taobh an rathaid 's thuirt an seann duine sin ris, 'An ainm an fhortain, feuch nach tig thusa cross an rathad goirid tha seo! Cha d'fhuair duine riamh cross a' rathad goirid seo as deagh' dol fodha na gréine gun a bhith air a mharbhadh, a chionn marbhaidh Colann gun Cheann thu,' thuirt e. ''Chan eil dòigh agad air a dhol ann. Chan fhaigh thusa seachad ann ro dhol fodha na gréin'.' 'Uill, gabhaidh mi mo chothrom air a' sin,' thuirt e, agus start e cross a' bheinn. Ach nuair a bha e gus a bhith aig an uamha, ['s] a bha a' ghrian an deagh' dhol fodha, cinnteach gu leòr amach a thànaig Colann gun Cheann. Ach tha mi beagan air thoiseach air mo naidheachd 's b'fheàrr a bhith 'g innse dhuibh roimhe seo, bha pìobaire sònraichte ann an Albainn a bha ainmeil air pìobaireachd. Agus rinn e murt, 's chaidh an roghainn a thoirt dha airson gu faigheadh e clìor às—a bheatha a spareadh dha nan reachadh e astaigh a's innse dhaibh dé bh' as an uamhaidh, a chionn cha deachaidh duine riamh astaigh a fhuair amach. Bha ceannardan an àite airson faighinn amach dé bha dol air n-adhart astaigh anns an uamhaidh. Agus rinn esan a dhol astaigh leis a' phìob: bhiodh cothrom aige air uige air faighinn amach. 'S thug e leis a' phìob agus chaidh e astaigh. Bha e air pìobaireachd 's ag innse dhaibh air a' phìob—bha iad cho ionnsaichte air ceòl na pìop ann an Albainn as na lathaichean ud gu reachadh ac' air innse ann am faclan dé am port a bha e cur air a' phìob. Seo agaibh am port a bha e cur air a' phìob: 'S truagh a Rìgh nach robh orm-s' trì lamhan; Dà làmh anns a' phìob 's làmh anns a' chlaidheamh. Bha e fhight ria a' Cholann gun Cheann. Agus sin agad na notaichean mu dheireadh a chuir air a' phìob 'nuair a chualas am facal uamhasach a bha seo. Sin agad an ceòl mu dheireadh a chaidh a chluith no a chluinneil bhuaith'. Cha deachaidh fhaicinn gu bràcha tuillidh. Ach chaidh Raghnall mac Ailein Òig seachad air an uamha. Nuair a bha e dol seachad air an uamhaidh a bha seo thànaig Colann gun Cheann amach a's am bad a chéile a bha iad. Bha esan air a' rathad dh'ionnsaigh na dannsa. Rug iad air a chéile. Ma bha esan làidir bha ise teannadh air far a robh i cho làidir ris. Bho swing gu swing cha robh fhios có bha dol a bhith sios. Bha iad ann a' sin 's thug iad cath mór as ùr, ach có reachadh [an uachdar 's] có bhiodh fodha. Mu dheireadh thall cuir i air a ghlùinean e dà uair. Ach mu dheireadh thall chuir e sios i; chuir e air a druim i. 'S aon uair 's gun do chuir e air a druim i cha robh an còrr spionnadh innte. 'Uill a nist,' thuirt e rithe-se, 'cha chuir thusa 'n còrr trioblaid air daoine gu bràcha tuillidh. Tha mise 'gad thoirt liom,' thuirt esan, 'air mo mhuin dh'ionnsaigh an taigh' dannsa an dòigh 's gu faic sluagh an t-saoghail thu 's có thu 's dé an cron a bha thu deanadh.' [Dh'fhoighnich 's dh'òrdaich i ris] as gach nì 's gach dòigh gun e 'ga toirt dh'ionnsaigh an taigh' dhannsa. Thuirt i [nach robh esan] 'ga toirt dh'ionnsaigh an taigh' dhannsa. 'Chan eil gu diubhar dé nì no bheir thu!' thuirt esan. 'Tha mis' 'gad thoirt liom'. 'S thilg e air a ghualainn i 's thug e leis i. Agus nuair fhruig e 'n taigh dannsa thànaig an slaugh uil' amach [a bhith] 'ga toirt astaigh. An uair ud cha robh ann ach solast nan coinneal agus thuirt i, 'Tha mi coma gu dé nì thu rium 'san t-saoghal seo—na toir astaigh,' thuirt ise, 'dhan taigh. Nì mi rud sam bith a dh'iarras tu'. 'Uill, all right,' thuirt e. 'Geallaidh tu dhomhsa nach cuir thu trioblaid air duine na sian na beathach na sian eile gu bràcha. Agus tha uamh uamhasach,' thuirt esan, 'ann am mais uamhasach a th'ann an Albainn. Thig thu 'sin far nach bi duine gu bràch ann ach thu fhéin ... 's nach cuir thu trioblaid air duin' eile na sian gu bràcha tuillidh. Fuirghidh tu 'sin cho fad's a bhios a' saoghal seo ann.' Chuir e mar sin i. Agus nuair a start i air falbh bhon taigh dhannsa 's muinntir na danns' uileadh a' coimhead oirridh dh'éirich i [bhon] talamh—bha i coiseachd mu chóig traighean bhon talamh a's start i air gabhail an òrain: 'S fhada bhuam fhìn tha bonn Beinn Eadarlainn 'S fhada bhuam fhìn tha Bealach a' Bhòcain 'S fhada bhuam fhìn tha bonn Beinn Eadarlainn 'S fhada gun teagamh bho' B[h]ealach a' Bhòcain. Far nach tilleadh i gu bràcha tuillidh. Sin agad té do naidheachdan Raghnaill mac Ailein Òig dhuibh.