Back to recordings

Pàdruig Bàn

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF326i10_327i01 PÀDRUIG BÀN


Beulaiche: Catrìona nighean Ailein Chaluim Pìobaire | Katie Patterson


Dh'fhàg mi baile mór na [st? indecipherable] [indecipherable] e ris na [?] aige is ma dhéireadh an naoitheamh là dhen chìad mhìos an fhoghair ann an carbad na smùid. Thug i h-aghaidh dha 'n àird a tuath is cha bu mhall a ceum. Bha iomad latha nach robh mise ag éigheach do [chreutair?]; chuir mi romham gun rachainn ann. Agus on a chuir mi romham e, rinn mi e. Ach nuair a ràinig mi, aig mo cheann-uidhe, 's e sin minig a bheireadh an t-seann athair fhéin gu rachadh daoine le ochd uairean a thìde de taigh a' ghnogan agus Baile Ghlaschu. Chanadh e ma rachadh gur e an t-àm cùram a ghabhail dha.
Ach tha mise aig mo cheann-uidhe, cha robh móran do dh'ùine agam air a' là sin gu coimhead air na h-àiteachan a bh' ann. Ach anns a' mhadainn dh'fhoighneachd mi de dh'fhear-an-taighe an robh mi, robh, robh e soidhne gun robh seana-bhodach no seana-chailleach ann a bheireadh dhuinn seann naidheachd no seann sgeulachd.
"Tha," ars' esan, "Tha Pàdruig Bàn around. 'S ma thachras tu ri Pàdruig cha chanainn gu bheil do thuras an asgaidh agad."
"Dé tha Pàdruig a' dèanamh?" arsa mi fhìn.
"Tha e buachailleachd bheothaichean," ars' esan. "Cùm thusa romhad" ors' esan, "'s air chì thu Pàdruig, tachraidh an cù beag dubh riut" ors' esan, "ach tha [slinn/slinnean?] clì geal. Dar a chì thu an cù, chan eil Pàdruig fad' air a' chùl."
Leis a' siud fhéin, dh'fhalbh mi 's cha b'fhada chaidh mi nuair a thachair an cù orm. Nochd Pàdruig as a dheoghaidh. Chuir e fàilte orm, 's a's a' cheart chànail a labhair e rium, fhreagair mi e.
"Cà' an do dh'ionnsaich thu Gàidhlig?" ars' esan.
"Cha do dh'ionnsaich mi idir i," ors'a mise, "'S e dh'fhàs i annam."
"Cà' an do thog thu 's an do dh'àraich thu?" ors' esan.
"Ann am Baile Ghlaschu," arsa mise.
"Fhir mo chridhe," ors' esan, "Chan eil a h-uile fear a dh'fhaodas a ràdh gun deachaidh a thogail ann am baile Inbhir [Uraidh/Aora?]."
Dh'fhoighneachd mi fhìn dha a' robh seann naidheachd no seann sgeulachd aige, a bheireadh e dhuinn, seann òran no seann sgeulachd.
"An dèanadh fear ùr fhéin an gnothach?" os' esan.
"Gasta," arsa mise.
"Gabhaidh mi òran a' Ridire Mhóir dhut," os' esan.
"Có a' Ridire Mór?" orsa mise.
"Rud nach buin dhut na buin dha," os' esan, Pàdruig. "Ach gu robh seann athair aig seann athair a' Ridire Mhór nach robh na ridire idir, ris an canadh iad "Dòmhnall Dubh nan Cat"."
Thachair air an oidhche shònraichte a bh' ann a' seo gu robh a' Ridire Mór na shuidhe na sheòmbar fhéin, far a' robh armachd na sìneadh an crochadh ris a' bhalla. Cha robh duine aige ach e fhéin 's a charaid, am botal branndaidh. Ach le tric, is e ri feuchainn blas a' rud a bha 's a' bhotal, thachair e gun do chaidil e. Agus cha b' fhada gus a fàc' e—chun—Dòmhnall—thuit an [lorg mhullaich?] a bh' aig Dòmhnall Dubh nan Cat a-nuas air a cheann. 'S thug e leum às.
"Gee whiz!" ors' esan. "Cha robh mi 'smaointinn gun robh an gnothach cho goirid dhomh." Seachnadh 'n cùis e 's a choimhead e mun cuairt. Sin nuair a dh'aithnich e dé rud a bh' ann. Thuig e dé bh' ann, cha robh boinne math 'sa bhotal.
Ach co-dhiù, seo an t-òran a ghabh Pàdruig:
Bha mi nam chadal is tìm dhomh dùsgadh,
[Iol-fhoill?] mhór air feadh na dùthchadh,
Rìgh gach rìoghachd 's càch ga sgiùrsadh
Bheir gach cuileag, bheir gach mhàthair
Anns an tìr a rinneadh m' àrach,
Bha ceòl fìdhleadh 's bha ceòl gàir' ann
An-diugh cha [chuala sibh/ghluais?] ach uamhas sàmhach
Saoil mi gun do bhàs gach beò
Sheas mi fhìn air cnocan càrnan
'S ghlaodh mi "Càite bheil na Gàidheil?"
Fhreagar 's thuirt mac-talla "Càite?"
[Iol-fhoill?] gaiseadh cainn' mo bheòil
'S iomadh claidheamh a chaill am faobhar
Cha gheàrr e dhomh beum 's gach taobh dheth.
'S ann a mu dheireadh slacan-draoidhich
A nì aonadh dhut 'san fheòil.
Anns an àm bha sin, thog e an claidheamh mór os cionn a' Ridire, 's leam an claidheamh—leum a' ridire, le leithid a' smùid, 's leig e a [lurig-mhullaich?] a bh' aig Dòmhnall Dubh nan Cat ris a' bhalla. Ghabh e leithid de dh'eagal sin nuir a dhùisg e, 's ann a chuannaic e gu dé a rinn e, nach robh 'g òl ach a h-uile boinne a bha 's a' bhotal.
"O, tha mi gad chumail tuilleadh is fada!"
"Gu dearbh, chan eil," ors' esan. "Is bheir mi earb air ur faicinn an uair a thilleas mi."
"Cà' eil thu 'dol?" ors' esan.
"Tha mi a' dol à bhaile Charran nan Caorann," ors' esan.
"Tha gnothaichean mì-nadarra 'ga fhaicinn is 'ga chluinntin an-sin an dràsda," ors' esan, Pàdruig.
"Dé na gnothaichean mì-nadarra a th' ann?" orsa mi fhìn.
"Tha an crodh a' geumnaich 's na coillich a' glaodhaich 's na mucan a' sgiamhail."
"Nach eil sin nadarra gu leòr?" orsa mi fhìn.
"Stad ort," ars' esan. "Tha e nadarra gu leòr air a' mheadha 'n là ach chan eil air a' mheadha 'n oidhche."
Ach leis a' siud fhéin, dh'fhalbh mi 's dh'fhàg mi beannachd aig Pàdruig. Ràinig mi Carran nan Caoran tacan mun do shuidh 'ad aig an dinneir. Nuair a nochd mi a-staigh thuirt mi, "'S math an t-àm a thàna' mi," orsa mise.
"Molaidh tu sin [?] fhathast thu," orsa fear-an-taighe.
Ach co-dhiù, dh'fhoighneach mi fhìn a' robh gnothaichean mì-nadarra a' dol air n-aghaidh a's a' bhaile a bh' ann, agus thuirt am fear-an-taighe, "Uill, an deoghaidh meadha 'n-là, falbhaidh tu còmhla ris a' ghille òg a tha seo, agus feuchaidh e dhut na h-àiteachan mun cuairt."
Dh'fhalbh mi fhìn. Bha fear ris an canadh 'ad Maighstir Mac a' Chùbair. Thuirt Mac a' Chùbair—thuirt a' fear-an-taighe gun robh ann am Mac a' Chùbair cho sionnach—cho seannach ris a' mhadadh-ruadh.
"Tha fichead car 'san [t-sionnan/t-sionnachan?] ," ors' esan, "ach tha [córr air?] fhichead air Mac a' Chùbair."
Ach leis an-siud fhéin dh'fhalbh sinn agus chaidh sinn a-mach. Thuirt mi fhìn ris a' ghille, "Tha 'ad ag ràdh rium-s' [a' sin?] gu bheil gnothaichean mì-nadarra 'ga fhaicinn is 'ga chluinntinn an-seo an-dràsd'."
"Dé na gnothaichean mì-nadarra thuirt 'ad riut?" ors' esan.
"Gu robh an crodh a' geumraich 's na mucan a' sgiamhail 's an coilleach—na coillich a' glaodhaich."
Ach mun do leig mi facal ás mo bheul, thog an coilleach an geum às is dh'éibh e air mo chùlaibh, cho ghlan 's ged a sheasadh e air an dùn an deoghaidh a' ruaig a chur air an coimhearsnachd.
Ach thionndaich mi fhìn ri Mac a' Chùbair is thug mi sùil air. Agus seo nuair a thuig mi gu dé na gnothaichean a bh' ann, gur e Mac a' Chùbair a bha dèanadh nan gnothaichean a bha seo.
Thuirt Mac a' Chùbair rium gu robh fear anns a' bhaile ris an canadh 'ad [BREAK IN TAPE] fear a's a' bhaile ris an canadh 'ad Ruairidh Bàn. Tha Ruairidh na iasgair 's na [fhear-aiseig?] 's na [chruitiche/chruitear?]. 'S tha móran do bhriathran a' [chruitich'?] aige ach glé bheag dha 'n spirit. 'S e an teisteanas a bh' aig a choimhearnaich nach do nigh e an aodann riamh ach a là a rugadh e 's a' là a phòs e. Smaoinich sinn gun rachamaid a-null a choimhead air Ruairidh Bàn co-dhiù, 's nuair a bha sinn a-null a dh'ionnsaigh an taighe, bha gille òg ann a' sin, brogach a th' ann a' sin, [plabanachadh?] feòil. Dh'fhoighneach Mac a' Chùbair dha, "Càit' a bheil do mhaighstir?" ors' esan.
"Tha e thall 'sa phost a' càradh lìon," ors' esan.
"O, ma thà, chan fhaic e thu," ors' esan, "faodaidh tu an naidheachd innse dhuinn."
"O," os' esan, "Chan eil sin ceart," os' esan, "Ged a tha fios againn cà' eil am bodach, chan eil fios againn cà' eil a' chailleach."
Ach leis a' siud fhéin, nochd Mac a' Chùbair, nochd Ruairidh Bàn mun cuairt. Dh'òrdaich mi fhìn dha—dh'fhoighneach mi fhìn dha, an rachadh e còmhla ruinn leis a' bhàta-iasgaich.
Thuirt e, "Stadaibh," ars' esan, "gus an tillinn—an trusaidh mi beagan de sheòl stuth againn."
Ach bha Mac a' Chùbair a' cantail riumsa nach b' e—coimhead air an [truagh bhair an sad/triùir mhac, fhios 'ad ?] gus am biodh am brogach ullamh dha 'n obair a bh' aige.
Dh'fhalbh sinn co-dhiù. Chaidh sinn a-mach a's a' bhàta. Cha b' fhada a chaidh sinn a dh'fhoighneachd mi fhìn—dh'fhoighneachd Mac a' Chùbair do Ruairidh, "Dé seorsa éisg [bh]ios sibh 'faighinn?" ors' esan.
"H-uile seòrs'" os' e, "ach cnòdain mar as bitheanta mu 'n àm 'sa bhliadhna."
Dh'fhoighneachd Mac a' Chùbair dha, "An cuala tu riamh na cnòdain a' bruidhinn?" os' esan.
"Cha chuala" ors' esan, "na daoine eile na cnòdain a' bruidhinn."
Ach bha Ruairidh a' tarraing a-staigh cnòdan 's chaith e an deireadh a' bhàta 's [thug?] an cnòdan éibh is "Stad a' ghloic [sin/tighinn na?] buail mi" os' esan.
Ach thionndaich Ruairidh 's cha robh air an ceann [?]—na ròinnean fuilt a bh' air a cheann nach robh cho—ach co-dhiù, [ann an cùl?] air a' bhàt'.
Thionndaich Mac a' Chùbair mun cuairt. Theann e na cnòdain ag éigheach shìos is shuas, ach mar bu luath a sheasadh e, bha Ruairidh deiseil. Chaidh e fhéin is am brogach air an ràimh, is bha e mar a' robh e spionnadh ghàirdean 'ga chuir ri sin, bha an gnothach uamhasach. Cha robh iad fada nuair a thàinig iad a dh'ionnsaidh a' chladaich, 's thionndaich 's choisich Ruairidh 's bha iad a' cantail gur e naidheachd a bh' aig a' coimhearsnaich [teic/sheadh?] gun do nigh e aoigh—aodann—an oidhche sin mun deachaidh e a chadal. Cuimhneach mar thuirt mi fhìn ri Mac a' Chùbair a dhol ro phairc ga [inneagan?] dòigh 's nach biodh am brogach [thimcheall/iomain?] mun gnothach a bh' ann.
"Is dé an t-ainm a th' agaibh air?" ars' esan, am brogach.
"Uill-"
"Dé an t-ainm a th' agaibh air?" ors' esan, am brogach.
"[Bha an toil agam ?]" ars' esan, an gille. [Deas bior an treobh/Dé is b' fheàrr an t-sròl?] e gu dearbh," os' e "ach 's math a bhaist thu e" ars' esan.
Ach sin mar a chuala mi.



Team notes:
The placename Baile Glaschu, Scotland, is mentioned in this story.

Katie Patterson
Pòn na Maiseadh | Benacadie 3 recordings Faic pròifil | view profile