GF326i01 BOIREANNACH AGUS LEANABH GILLE AIR A GIÙLAIN (AN DOTAIR BÀN) Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: Froilig A' toirt sgeul air an Dotair Bhàn, chuala mi naidheachd eile. 'S ann aig Aonghas Mac 'Ille Mhaoil a chuala mi e. B' e shin an aon fhear aig a chuala mi an sgeul sin cuideachd. Cha chuala mi aig duine eile i idir. Thuirt an dotair bàn riutha agus ge b' e càit' a' robh 'ad, co-dhiù bha 'ad air chéilidh air, na turas, na ge b' e càit' an robh 'ad ach chunnaic e am boireannach a bha seo agus thuirt e gu robh leanabh gille air a giùlain. Agus cha robh 'ad ach, tha mi creidsinn, cha robh 'ad ach a' magadh air a' cantail a leithid a thuirt a riuth' gu faodadh e rud sam bith a thogradh 'ad ri dhèanamh risan mur robh sin fìor nuair a thigeadh am pàiste agus nuair a thàinig an leanabh, 's e leanabh gille a bh' ann 's tha e coltach gu robh an Dotair Bàn a' faicinn cuid mhór nach robh càch a' faicinn.