Back to recordings

Òran Gaoil

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF324i01 ÒRAN GAOIL


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: John MacDermot


[Séist:] Mo rùn geal dìleas, dìleas, dìleas,
Mo rùn geal dìleas, nach till thu rium,
Cha thill mi féin leat, o ro chan fhaod mi,
'S ann tha mo ghaol-sa 'na laighe tinn.


Cha bhith mi strì ris a' chraoibh nach lùb leam,
Ged chithinn ùbhlan air bhàrr nan geug,
Ma rinn thu m' fhàgail, ceud soraidh slàn leat,
Cha d' thàinig tràigh gun muir-làn 'na dhéidh.


'S iomadh oidhch' ann am beul an anmoch,
A rinn mi falbh leat a-mach o 'n chòbh,
Do bheul cho briathrach rium bho 'n chridhe salachadh,
Siud an dearbh rud a rinn mo leòn.


'S ma bheir thu gràdh-sa do chuspair gràineil,
Chan aobhar nàir' e do neach fo 'n ghréin,
Cha tig 's cha d' thàinig de luchd dha fhàgail,
Nach d' fhuair treis tàireadh an nàduir féin.


'S mar gaoth a tuath théid air bhàrr nan cuaintean,
Shéid agad suas mar a chì thu cheò,
'S e samhladh fhuair mi do ghaol a ghruagach,
A rinn mo bhuaireadh air iomadh dòigh.


Bha mi mìos ann am fiabhras claoidhte,
Gun dùil 'm oidhche gum bithinn beò,
Cha leig mo reusan dhomh chur an géill dhut,
Na tha de dh'eu-ceartan 'dol 'nad dhòigh.


Team notes:
The first and fifth verse that John Shaw sings is from "Mo Rùn Geal Dìleas," by John MacLean of Torloisg, Mull, in Scotland. Cf. "Mo rùn geal, dileas - My fair love so faithful," Songs of Gaelic Scotland, ed. Anne Lorne Gillies (2005), p. 389-391.

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile