GF321i10 NA BOIREANNAICH AGUS SGEULACHDAN NA FÉINNE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Headh. Bha sinn -- seanchas mu dheidhinn sgeulachdan na Féinneadh. Bha 'ad air a faighneachd dhìom mu dheidhinn boireannaich a bhith 'g aithris sgeulachdan na Féinne. Agus cha chuala mise idir boireannach ag aithris sgeulachdan na Féinn. Ach chan e nach cuala mi boireannaich a' cantail -- ag ainmicheas feadhainn dhe na bha 'n Fhéinn mar a bha Fionn. Agus ma dh' fhaoidte gun do dh' ainmich 'ad feadhainn eile. Ach chanainn -- Catrìona no Céit mar a bheireamaid, Céit Nic Uaraig, Céit Mhór, gum faodadh gum biodh sgeuleachdan aices' air an Fhéinn, gu faodadh pàirt dhiubh a bhith aice o chionn bha i fìor fìor mhath gu -- gu na sgeulachdan eile agus thaobh i ri [?] Chlann 'Ic Uaraig. Bha na clann Mhic Uaraig làn de sgeulachdan na Féinneadh. Bha -- bha Dòmhnall ged nach -- g' eil cuimhn' agam 'm fear fhaicinn idir. Bha 'ad aig' agus chuala mi fhìn Gilleasbuig 'gan aithris. Agus chuala mi Murchadh mac Sheumais 'ic Uaraig 'gan aithris agus cinnteach gu leòr, bha 'ad aig Seumas fhéin. 'Sann aig -- aig -- bho bheul aithris a bha 'ad aca uile. Agus sin [?] a bha mi ag ràdhainn mu dheidhinn sgeulachdan na Féinn agus na boireannach.