GF321i02 O MO CHAOCHLADH MÓR A THÀINIG Beulaiche: Steafan Iain Peigi Ailein | Stephen MacKinnon [Séist:] O mo chaochladh mór a thàinig, 'S iomadh chaochladh, fàth mo smaointinn, 'S fhad o thìr mo ghaoil a tha mi, O mo chaochladh mór a thàinig. Nuair a thàinig a' bliadhn' ùr seo, 'Toirt air iomadh smaointinn caochladh, Cuiridh mise rann 's 'gur n-ionnsaidh, Ged nach buin dhomh cliù na bàrdachd. 'S tha gach là dèanamh caochladh, 'S e cur ann an cuimhne dhaoine, Gu bheil tìm a' sìor-ruith daonnan, 'S nach eil anns an t-saoghal tàmh dhuinn. Is ged nach eil mi fhathast aosda, Chunna mi 'nam làithean caochail, Eòlaich m' òige—luchd mo ghaoil, 'N-duigh anns a' leaba chaoil an càradh. 'S tha na fàrdaichean air sgaoileadh, Tha na pàrantan air caochail, Tha a' chlann bheag air fàs nan daoine, Sgaipte feadh an t-saoghail, pàirt dhiubh. 'S dèanamaid le dìcheall gnìomhach, Gach nì gheibhear làmh ri dhèanamh, Oir tha ùine ruith air sgian, Tha ar bliadhnachan 'gar fàgail. Guidheam soirbheas math is suairceas, 'S e do 'n àl a dh'fhàs bho 'n uair sin, Leanaidh 'ad an gnàthas bu dual dhaibh, Bithidh 'ad suairce, modhail, càirdeil. 'S giùlain beannachd na bliadhn' ùire, Gu mo chàirdean, gu m' luchd dùthchadh, Thugad fhéin mo bheannachd dùbailt', Bho 'n a chuir thu ùidh 'sa Ghàidhlig.