GF319i04 AM MATHAN 'S NA CAORAICH Beulaiche: Lachlan Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan Bhitheamaid a cluich anns an sgoil nuair a' robh mise ach glé òg. Rachadh an gille a bu mhò dhuinn agus rachadh a chuir air thoiseachd. Seo am fear a bha [?] no an uan. Agus rachamaid —bheireadh an dala fear air cùlaibh an fhear eile ach rachamaid 'nar sreath dhìreach air ais. Bha 'm mathan—'s e neo madadh, cha robh e gu diofar, 's e a bh' air thois—'s e a bha—'s e a bha dol a dh' fhaighinn an uain. Ach gum feumadh am fear a bh' air thoiseach aghaidh chumail air a' mhathan agus dh' fheumadh am fear a bha a' stiùir an stiùir a chumail dìreach. Nuair a thigeadh an gnothach mu'n cuairt 'na chearcall, dh' éigheadh am fear a bu mò, "Dìrich! Dìrich sibh a' stiùir! Dìrich a' stiùir!". Dh' fhalbhadh 'ad siud; dhìrich 'ad an stiùir ach gu [?] ann—anns, gheobhadh e greim air an uan 's nuair a ghabh e [?] air, thòisicheadh sinn a rithist gus am faigheadh e 'm fear mu dheireadh dhiubh. Mar a—mar a b' fhaid' an gnothach 'sann a [b' fhada?] dha uan fhaighinn. 'S ma bu ghiorr' e, 'sann bu dorra dha fhaighinn chionn s a bha an gille mór a' cumail—cumail a' ghnothach cho dìreach 's b' urrainn e. Dh' éigheadh e sin, "Dìrich a' stiùir! Dìrich a' stiùir 'illean!".