Back to recordings

A' Chailleach agus a' Mhuc (Naidheachd dha 'n Chloinn)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF318i05 A' CHAILLEACH AGUS A' MHUC (NAIDHEACHD DHA 'N CHLOINN)


Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougie MacDonald


[Dougie MacDonald]: 'S e bonn a sia a fhuair i agus chaidh i a dh'àiteigin 's cheannaich i muc bheag.


[John Shaw:] Seadh.


[DMD:] Bha i 'tighinn dhachaigh leis a' mhuc. Tha seansa gur ann 'ga lead-adh a bha i. Ràinig 'ad steapan a bha 'dol seachad, àite a bha 'dol seachd air càrn, fhios agad.


[JS:] Seadh, tha.


[DMD:] Agus thuigeadh 'ad—cha rachadh a' mhuc seachad idir. Chaidh i far a robh an cù 's cha tigeadh an cù 'na còir. Chaidh i sin, chunnaic i am maide. Dh'iarr i air a' mhaide an cù a [dhrilleadh?] nach beireadh air a' mhuc aicese 's nach fhaigheadh i dhachaigh a-nochd mura faigheadh i clìor. Fhuair ise am maide fhéin. Chaidh i sin far a robh teine. Thuirt i, "Loisg am maide. Loisg am maide. Cha bhuail e 'n cù agus cha ghreim an cù a' mhuc 's, chan fhaigh mise—'s cha tig a' mhuc seachad air a' staidhir a tha seo."


[JS:] Seadh.


[DMD:] Agus cha loiseadh an teine. Chaidh i far a robh—chaidh i far a robh uisge. Thuirt i ris an uisge an teine a chur ás nach loisgeadh am maide, nach bristeadh uisge an teine, am maide nach [drilleadh?] am maide cù, nach greimeadh an cù a' mhuc 's nach fhaigheadh ise dhachaigh a-nochd. Agus, dh'fheumadh i cuman fhaighinn.
Chaidh i far a robh duine a dheanadh an cuman. Dh'innse i an aon naidheachd dha cuman a thairneas uisge, uisge a chuireas ás teine, teine nach loisg maide, maide nach [drill?] cù, cù nach greim muc, muc nach tigeadh [eadar a sabhal?] 's chan fhaigh mise dhachaigh a-nochd. Thuirt an cuman gu feumadh i saor fhaighinn.
Chaidh i far a robh saor. Thuirt a' saor an aon rud rith', nach b' urrainn dhasan mura faigheadh e feòil a dh'itheadh e.
Chaidh i far a robh am bùidsear. Bhruidhinn i ris a' bhùidsear, thuirt i, "Bhùidseir, bhùidseir, bùidsear dhomh feòil, feòil a dh'fheumadh an t-saor, an t-saor, a' saor a chàireas cuman, cuman a thairneas uisge, uisge a chuireas ás teine, teine nach loisg maide, maide nach [drill?] cù, 's cù nach greim muc, agus chan fhaigh mise dhachaigh a-nochd. Thuirt am bùidsear, "Ma faigheadh tu damh dhomh, bhùidsearaichinn, dheanainn sin air do shon."
Ràinig i an damh. Bhruidhinn i ris an damh 's dh'inns i an aon rud dha, "Bùidsear cha toireadh dhomh feòil, feòil a phàigheas saor, saor a chàireas cuman, cuman a thairneas uisge, uisge a loisgeas maide, maide a [dhrilleas?] cù, cù nach greim muc, muc nach tigeadh air [as t-sabhal?] agus chan fhaigh mise dhachaigh a-nochd. Thuirt an damh, "Chan fhaigh thu mise mura faigh thu ròp' a cheangaileas mi."
Ràinig i ròpa. Thuirt a' ròpa, dh'innse i dha 'n ròp' an aon rud. "Ròp' a chuireas mi air damh, damh a their mi gu bùidsear, bùidsear a chàireas, a gheàrras feòil, feòil a phàigheas saor, saor a chàireas cuman, cuman a thairneas uisge, uisge a chuireas ás teine, teine nach loisg maide, maide nach [drill?] cù, cù nach greim muc 's chan faigh mise dhachaigh a-nochd. Thuirt a' ròpa rith', "Chan fhaigh thu mise mura faigh thu luch a ghreimeas mi, a gheàrras mi."
Chaidh i far a robh luch. Thuirt a' luch rith', "Ma gheobh thu dhomhsa pìosan do chàise, geàrraidh mi ròpa."
Dh'ith a' luch a' ròpa, thòisich e air geàrradh a' ròp', 's thòisich a' ròp air ceangal an damh, 's thòisich an damh air—dh'ionnsaidh a' bhùidseir, 's thòisich am bùidsear marbhadh an damh, 's thòisich an—agus fhuair a' chailleach an fheòil 's [shluig an cù e?], agus thòisich an cù air greimeadh na muiceadh agus thòisich a' mhuc air leum an teine 's fhuair a' chailleach dhachaigh an oidhche sin alright.



Notes (fieldnotes):
"FROM ENGLISH SCHOOLBOOK"

Team notes:
Folktale type: ATU 2030; Z41 Thompson Motif.

Dougall MacDonald
Tròidh | Troy 40 recordings Faic pròifil | view profile