Back to recordings

A Mhàiri Dhubh, a hù a hó

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF317i03 A MHÀIRI DHUBH, A HÙ A HO


Beulaiche: Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Allan MacLeod


[Séist:] A Mhàiri dhubh, a hù a ho,
A Mhàiri dhubh, hu rì ho rò,
A Mhàiri dhubh, 's a Mhàiri dhonn,
Tha m' inntinn trom bho'n dhealaich mi,
Ri Màiri dhubh, a hù a ho.


Chan eil thu dubh, chan eil thu donn,
Bòidheach, deas thu air do bhonn,
'S mór mo ghaol gun cum thu teann,
An gealltanas a dh'fhàg mi ort.


'S truagh nach robh mi fhéin 's tu fhéin,
Ann an gleann far am biodh na féidh,
Far am biodh an smeòrach a' sheinn,
O ghéig gu géig a' ceilearadh.


'S ann ort fhéin a dh'fhàs a ghruag,
[Ribeaganan?] dha mu d' chluas,
Ribeanan gan ceangail suas,
Is a' phrìne cruaidh gan teannachadh.


'S ann ort fhèin a ghruaim gun ghréin',
'Dol mo luaidh gu [Inbhir Nis?],
Dh' fhàg thu m' inntinn trom gun fheum,
Gun dòigh on [chléith…?] mi.


'S ann thu fhèin a bha gun dòigh,
Dol a cheannach fàinnean òr,
Ach gu faod thu an cur na d' phòc',
Bidh Màiri òg aig fear-eigin.


Nuair a thig an samhradh blàth,
Teannaidh flùraichean le fàs,
Shiùbhlainn fhìn is mo Mhàiri bhàin,
Na sràidean àrda Haileafacs.


O latha sgeul 's mi siubhal na sràid',
Cò thachair rium ach mo ghràidh,
Taomadh uisge a tobar tàmh,
Cha bhi mi slàn mur faigh mi thu.


'S truagh nach robh mise anns an fhòd,
Ann an ciste dhlùth nam bòrd,
Mun tug mise mo ghaol cho mór,
Do sheòladair nam maraiche.

Reference sources:
Mac-Talla, vol. 12 no. 20 (1904), p. 7; Coinneach mac Raghnaill, "Màiri, air a bheil an aois," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20240621162024/https://www.androchaid.ca/forum/na-h-%C3%B2rain/m%C3%A0iri-air-bheil-aois

Allan MacLeod
Boston Ùr | New Boston 7 recordings Faic pròifil | view profile