GF315i11 CÓ MHEUD ADHAIRC A TH' AIR A' BHOC? Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Ó bha an cleas a bhiodh a' sin, bhiodh 'ad a' bualadh cùl an dùirn air fear ann an cùl a chinn. Agus bha rann ac'—tha mi 'smaoininn, mar a chuala mise gur e: Iomairichean beag', camanaichean beag', Cùl an dùirn, maid' [as ùirn?], Tomhais romhad mar a th' agad, Có mheud adhairc th' air a' bhoc? Agus nan canadh tu gu robh dà adhairc no aon adharc no ma dh'fhaoidte gur e—an canadh tu boc maol gun aon adharc, agus mar do thomhais thu có mheud a bh' ann, chanadh tu, 'ad an uair sin: 'S breugach am boc, 's breugach am boc, 'S chan fhaigh esan mìrean no deurain a-nochd, Is théid a cheann a chur 'sa phoit. Chan eil cuimh' agam gu dé a bh' ann nan tomhaiseadh tu ceart, tha mi 'smaoininn gu robhar a' dol a thoirt gu biadh, gu robhar a 'toirt dha riarachadh, ach chan eil cuimhne agam air a' chuid sin idir dheth.