GF30i11_031i01E ÒRAN NA POITE DUIBHE Beulaiche: Ruairidh Beag mac Aonghais Eóghainn Iain | Roddy MacInnis Séisd: O cha mhisd' leam, e cha mhisd' leam, O cha mhisde leam mar tha thu; 'S misde leam gun d' thug 'ad bhuam i, Chan fhaic mi 'dol suas gu bràth i. Mìle beannachd aig a Chrìosdaidh, A rinn riaghail anns a' Bhràighidh; Cha chluinnear [?]' no sgreuch, Anns na briathran mar a b' àbhaist. Ach ma dh'éireas tràth Iain Boideach, Bidh e na chuimhne gu bràcha; Chan fhaigh e cadal na h-oidhche, Gus an cluinn e mar a bha e. You got it now?