GF309i02 CHA DEAN AN T-ÒL ACH AM FEAR A DH'FHAODAS E Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Gnàth fhacal no seanfhacal, ''Cha dean an t-òl ach ach a' fear a dh'fhaodas e." Bha mi uair a' deanamh obair ann an, de dh'fhear, ann am broinn an taighe, agus thàinig caraid dha, no fear eòlais dha ann, thadhal e 'staigh aige, agus chunnaic e mar a bha gnothaichean a' dol air n-aghaidh. 'S thionndaidh e riumsa is thuirt e "O," ars esan, "tha 'ad ag ràdh nach dean an t-òl ach a' fear a dh'fhaodas e." Agus 's e fear Dòmhnall Moireasdain, Dòmhnall Nìall Choinnich 'ic Uilleim, 's e a chuala mi ag ràdhainn seo. Chuala mi ag feadhainn a bharrachd air an duine seo, ach seo an turas a ghabh mi barrachd beachd air, na ghabh mi aig àm sam bith. Bha barrachd seadh aig' air an turas a bha seo 'nam inntinne, na 'nam bheachd-sa 's a bhiodh aig amannan eile a bha mi 'ga chluinntinn.