GF307i01 TAIGH FUAR 'SA GHEAMHRADH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw Taigh Fuar 'sa Gheamhraidh. A' bhruidhinn air taighean fuar 'sa gheamhradh gu mo bheachd naidheachd no sgeul bheag a chuala mi bho fhear—'s ann á muinntir Cheap Breatann a bha an duine sònraichte bha seo. 'S tha e coltach gu robh fear òg a bha seo, gum bidhte car a' tarraing ás co-dhiù. 'S ma dh'fhaoidte gu robh fear eile car beag air an taobh phròiseil, gu robh barail mhòr aig' air a' ghnothach. Agus a-réir mar a chuala mise sgeul, bha 'ad a' dol a-mach dhan choillidh air latha fuar anns a' gheamhradh. 'S ann 's docha gur anns a' Ghearran a bh' ann, no anns an Fhaoilleach; ach bha 'n t-sìde fuar co-dhiù. Agus dh'fhoighneachd a' fear a bha seo dhen fhear òg, "A' robh an taigh agaibh fuar a-raoir?" "Bha," ors' esan, "Taigh sam bith a bha a-muigh a-raoir bha e fuar."