GF306i16 TEÀRLACH FÌDHLEAR AGUS NA SEANN-PHUIRT Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha sinn a' bruidhinn air ceòl agus puirt agus dh'ainmich mi Teàrlach Fìdhlear. Bha e—duine sònraichte a b' aithne dhomh, bhiodh e fhéin a' cluich na fìdleadh. 'S e Fionnlagh Dòmhnallach a b' ainm dha. Fionnlagh mac Iain Nìll 'ic Iain Òig. Agus bhiodh—dh'ainmich e Teàrlach Fìdhlear cuitheasach tric. Agus bha e còmhla ris aig an—air—gura Teàrlach Fìdhlear a rinn port. Agus 's fheudar gur a h-e—co-dhiù 's e mac Iain Mhóir a bh' ann an Teàrlach Fìdhlear fhéin air neo co-dhiù 's e—an e mac Iain Mhóir a bha—fear a bhiodh ma dh'fhaoidte bha dannsadh. Agus bha léine de chlò air. Agus rinn e port dha as an àm nach cualas roimhe. 'S e: Siud ort fhéin a mhic Iain Mhóir, Ás do léinidh, às do lèinidh, Siud ort fhéin a mhic Iain Mhóir, Ás do léin' a' phlangaid. Bha rann tuilleadh de rann air ach chan eil cuimhn' agam idir air a' sin ach gu robh e—anns a—ann an crìochnachadh a' rann a bha sin—nach b' urrainn léine dhèanamh. Agus bha an uair sin, bha ainm—bha—dh'ainmich e port eile a rinn—'s thuirt e gur e Teàrlach Fìdhlear a rinn am fear sin. 'S e: Fhuair thu dram do Rob Mac Griogair, Fhuair thu dram do Rob Mac Griogair, Fhuair thu dram do Rob Mac Griogair, Mus d' fhuair thusa gun d' fhuair mise. Tha e coltach gu robh Rob Mac Griogair math gu dannsa, math gu ceòl no gu dé a bh' ann co-dhiù agus bha e coltach gu robh co-farpais no cruinneachadh aca an àiteigin 's bha Teàrlach Fìdhlear ann agus tha e coltach gu robh e fìor mhath cuideachd. Agus co-dhiù bha fear a bha seo, 's e duin' uasal a bha seo, ' s e Seòras a b' ainm dha agus bha a' cur deuchainn leis, Teàrlach Fìdhlear, gum feumadh e port a dhèanamh nach cual' 'ad riamh… ann an—ann am Baile Shasainn, tha mi creidsinn. Agus thòisich e air a' phort, 's e—chuir e sìos: 'S e mac na muice Seòras, 'S e mac na muice Seòras, 'S e mac na muice Seòras Dubh, 'S e mac na muice Seòras. Agus sin agaibh na bheil beachd agam air a chluinntinn mu dheidhinn Teàrlach Fìdhlear ach tha e coltach b' e cuin a bha e ann no càite, cò—dé an ceàrnadh gu robh e de dh'Albainn, gura h-e fìdhlear math a bh' ann cinnteach gu leòr. Agus sin, tha fhios, iad ag ràdhainn mu dheidhinn, na seann fhidhlearan aig an àm seo.