GF306i02 ANGUS OTTAWA: DÀ UGH Beulaiche: Niall mac Ruairidh 'ac Nìll 'ic Iain Bhàin 'ic Eòin | Neil John Gillis Tar-Sgrìobhadh: Nona MacDonald-Dyke, Bun is Bàrr, An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gaidheal | Highland Village) Bha Aonghas turas bha e 'dol ron dùthaich ann a' seo agus thadhal e oidhche aig taigh, agus bha e 'fuireach fad na h-oidhcheadh. 'Sa mhadainn nuair a dh'éirich e, bha bean an taighe, bha i 'dèanamh biadh madainn dha. Agus, dh'iarr i—thuirt i ris, "Aonghais, am br—an ith sibh uchd—ugh ma bhruicheas mi i?" Ars' esan, "B' aithne dhomhsa fear a dh'ith a dhà 's a tha beò fhathast."