GF305i06 MAIGHSTIR GILLEASBUIG CAIMBEUL AGUS BRÙ MHAIGHSTIR UILLEIM Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tha…aig an àm seo, bu toil leam naidheachd bheag…bha…bheireadh i air cuid de dh'fheadhainn a bhith gàireachdaich cò dhiù. O chionn àireamh mhór bhliadhnaichean, ma dh'fhaoidte gu bheil faisg air ceithir fichead bliadhna bhuaithe , no ma…uill, bhiodh trì fichead 's a còig deug co dhiù de bhliadhnaichean ann mar sin de dh'ùine, is thàinig sagart a nall ás a' Ghàidhealtachd –Maighstir Gilleasbuig Caimbeul. Agus bha e teagasg - as na parraistean a-bhos, 's e Mòd Cràbhaidh a theireadh iad ris a' ghnothach, ris an t-searmonachadh 's ris a' ghnothach a bhiodh a' dol ann, mar a bheir iad an diugh, Mission. Agus co dhiù, bha e shuas aig a'—ann am Bail' Iain agus bha e dèanamh seirbhisean an sin agus searmonachadh. Agus, mar a bha 'n cleachdadh as an àm a bhiodh a' sin, bhiodh - bhiodh clàr aca air a shuidheachadh suas—bòrd agus gnothaichean a bhuineadh dha 'n—de dh'obair na h-eaglais, mar a bha leabhar ri - Bìoball agus leabhar ri ùrnaigh agus ceusadh agus statuan is gnothaichean mar sin—imagean dha na - air na naoimh agus gnothaichean dhe 'n ghné a bha sin. Agus nuair a bhiodh an t-seirbheis seachad, bhiodh iad a' dol a-null 's a' ceannach beagan dhe na gnothaichean a bha seo. Agus a' mhadainn sònraichte bha seo, nuair a bha 'n t-seirbheis seachad, an aifrionn agus an searmon, bha e toirt beannachd dhaibh air a' mhadainn a bha sin agus thuirt e riu 'ad a bhith cinnteach a bhith cuimhneachadh air bùth Mhaighstir Uilleim. Agus, ged is e bùth a bheireadh muinntir na h-Albainn gu lèir ris a leithid de dh'àite far am biodhte reic rud 's e stòr a bhithte - a bha 'ad a' cleachdadh - a bha a' mhór chuid a' cleachdadh a-bhos ann an Albainn Nuadh. Agus am boirionnach a bha seo, feumaidh nach d' thug i fa-near dé a bha dol ach cò dhiù, thadhail iad ann an taigh agus thòisich iad air seanchas nuair a ghabh iad tha mi cinnteach cupa tì; bha 'ad a' seanchas mu dheidhinn an t-sagairt a bha seo, Maighstir Gilleasbuig Caimbeul, cho math 's a bha e gu searmonachadh, 's cho grunndail 's a bha e 'sa Ghàidhlig a bh' aige 's gach sian; bha seanchas a' dol air 'n aghaidh ach bha 'n té seo a' feitheamh 's gun i faighinn cothrom seanchais dhith fhèin, ach mu dheireadh, dh'fhaighneachd i dhaibh, "An tèid aig a h-aon agaibhs'," ars' ise, " air innse dhòmhsa gu dé tha cearr air brù Mhaighstir Uilleim?" Fr. Archie Campbell and Fr.William's Belly There is…at this time, I would like to (tell) a little story which—it would make some people laugh at any rate. Many years ago, perhaps close to eighty years ago or about, well it would be about seventy five years ago, a priest came from the Highlands, Fr. Archie Campbell. And he was preaching in the parishes over here—they called the event a Spiritual Gathering, the preaching and what went on—as they say today—a Mission. And anyhow, he was up at…in Johnstown, and he held a service there, preaching. And, as was the custom of the time, they used to have a stall set up, a table with matters pertaining to… the work of the church, such as books—Bibles, prayer books, crucifixes, statues and the like, images of the saints and things like that. And once the service was over, they used to go over and buy some of these things. And this particular morning, once the service was over, the mass and the sermon, he was giving them a blessing on that morning and he advised them to keep in mind Fr. William's stall. And whatever all the people in Scotland called a place where things were sold, it was 'stòr' that used to be, that the majority used over here in Nova Scotia. And this certain woman, she could not have realized what was happening but anyhow, they stopped to visit in a house and began to converse, probably after having a cup of tea; they were discussing this priest, Fr. Archie Campbell, what an excellent preacher he was, how knowledgeable, how proficient in Gaelic and everything. The discussion went on but this woman waited, unable to get an opportunity for herself to join in, but finally, she asked them, "Can any of you tell me what is the matter with Fr. William's belly?"