Back to recordings
Òran an Taigh-Sgoil'
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF304i04 ÒRAN AN TAIGH-SGOIL'
Beulaiche: Eòs Nìll Dhòmhnuill Alasdair | Joe Neil Johnson
[Séist:] Ó hiùraibh ó hiùraibh ó hiùraibh ó gheallaibh,
Bheir mi ó 's na ho thug éileadh,
'S e bhith réidh riut bu mhath leam.
Tha 'n taigh-sgoil' 'na chùis-nàire,
Mar a tha a' leithid gearan,
Tha e cho cam ri adharc rùda,
Na seann-bhùird air a' bhaile.
'S nuair a choimheadas tu suas air,
Tha e suarach ri fhaicinn,
Tha an corner a tuath dheth,
Stobadh shuas às o ghealach.
'S thuirt Iain ri Mìcheal,
Tha e mì-chiatach fhathast,
Theirig suas 'is cuir spike ann,
Chì thu fhéin far bheil an car ann.
'S chan eil duin' ás an àite,
Nach eil gràin ac' air Calum,
Ailig Dhòmhnaill ag ùrnaigh,
Gu 'n tèid e 'san ùir gun anail.