GF302i06 AN AOIS MHOSACH Beulaiche: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Hector Carmichael Tar-Sgrìobhadh: Bun is Bàrr Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Bha bodach a' fuireach shuas ann a sheo 's bhiodh e an-còmhnaidh, nuair a dheigheadh e faisg air thaigh far a faigheadh e botal, bhiodh e 'ghabhail beagan cus. Chaidh e là 'sa Bhadaig 's co-dhiù fhuair e botal. 'S bha e 'dèanamh deiseil 'son falbh dhachaigh 's bha esan—chaidh e—fhuair e an t-each deiseil. Thoisich e air dìreadh dha 'n a' wagon ach cha bheireadh aig' air faighinn dha na wagon. A h-uile uair a dhìreadh e—bha e 'feuchainn ri faighinn dha na wagon, thuiteadh e. "Ah, 's e 'n t-aois uabhasach a tha seo! 'S e 'n t-aois uabhasach a tha seo!"