Back to recordings

Cnàimh a' Sileadh Fala

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF302i04 CNÀIMH a' SILEADH FALA


Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis


Bha soitheach Geangach ag iasgach a-mach bho Mhargaraidh bho chionn fhada agus tha seansa—'s e dories a bh' aca an uair ud; dithist anns a h-uile dory a' tràwladh. Tha fios gun tàinig rudeigin eadar an gill' òg a bha seo agus an leth seann-fhear a bh' anns a' bhàta agus spad an seann-fhear an gill' òg agus thilg e—dh'fhalbh e 'n comhair a chùil a-mach agus chaidh a bhàthadh. Dar a thill e air bòrd an t-soithich, thug e seachad stòiridh gun do thuit am fear a-mach 's gun deach a bhàthadh.
So, bha sin all right, cha robh 'n còrr ri bhith ann mu dheidhinn, ach an ceann dà bhliadhna, bha gill' òg eile còmh' ris an t-seann-fhear 'san dory. Bha iad ag iasgach 'san aon àite 's dè thug—dè thàinig a-nuas air an dubhan ac' ach cnàimh. Fhios agad fhèin, cnàimh a-mach 'sa chuan, bhiodh a h-uile sian a bh' air air a chriomadh dheth aig an iasg a bhiodh an grunnd a' chuain—cha bhiodh ann ach cnàimh geal. Ach thòisich an cnàimh geal a' sileadh fuil dhearg is ghabh iad iongantas is thug aid air bòrd an t-soithich e. Agus thuirt an caiptean a' chiad rud; "You're guilty of murderthis is proof enough for me."
'S chuir iad a' ghlas-làmh air agus thug iad air ais e dha na States agus chan fhac' iad riamh tuilleadh an rathad seo e. Ach cuimhnich thus' am power a bh' aig an Fhear a bha gu h-àrd dar a chuir e 'n fhuil anns a' chnàimh gus innse gu robh fear eile—gu robh e guilty. Cuimhnich thusa sin.

Angus Gillis
Màbu an Ear Thuath | North East Mabou 10 recordings Faic pròifil | view profile