GF302i03 AM MUILEANN DUBH: PORT AIR A CHROISEADH Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis Tar-Sgrìobhadh: Bun is Bàrr, An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gaidheal | Highland Village) Trup a bha sin, trup a bha sin an Albainn, bha duine tinn fuireach ann a' sloc do dh'àite an taobh thall dhe 'n allt mhór a bha seo 's chaidh—chuir iad fios dh'ionnsaigh an t-sagairt. Bha 'n creideamh an uair ud, bha—dh'fheumadh tu falbh, dh'fheumadh sagart falbh 'san oidhche agus nuair ruigeadh e an taigh 's a' robh an urra thinn, dh'fheumadh iad bratan a chur air na h-uinneagan na bhiodh na Sasannaich a' coimhead a-staigh agus geidsearan aca dhe na h-uile seòrsa saighdearan 's bha cead ac' air a chur 'sa phrìosan. Ach co-dhiù, an oidhche seo bha sagart—dh'fhalbh e air muin an each—muin an eich agus bha e 'dol sìos seachad air a' mhuileann-bleith a bha seo anns an allt is dh'fhairich e am port a bha seo. 'S bha e fhéin 'na fhìdhleir 's 'na leth-sheòrs' do phìobaire, agus dh'fhairich e am port "Nead na Circe Fraoich." Agus dar a dh'fhairich e am port, bha am port cho sunndach 's cho math 's chuir e stad air an each 's bha e 'g éisdeachd gus a' robh am port deas. 'S nuair a bha am port deas, dh'fhairich e gàire mór, cridheil anns a'—anns a' staigh 'san dorchadas anns a' mhuileann. "Chaill thu an t-anam!" thuirt a' fear a bha a-staigh. "Chaill thu an t-anam!" 'S bha e gàireachdaich 's bha e 'magadh air 's ann an uair sin a chur a' sagart na stiorapan anns a', anns an taobh an eich. Dh'fhalbh e dh'ionnsaigh an àit' a' robh aige ri dhol far a' robh an duine tinn 's nuair a fhruig e, bha 'n duine marbh. Agus, dh'fhalbh e 's chrois e 'm port; bha e 'gràdhainn nach robh còir aig feadhainn a bhith cluith' a' phuirt gu bràcha tuillidh. Ach, tha e air a chluith' ri latha 'n-diugh. 'S e seo mar a bha e 'falbh: 'S tha nead na circe fraoich, Anns a' mhuileann dubh, 'sa mhuileann dubh, 'S tha nead na circe fraoich, Anns a' mhuileann dubh bho shamhradh. 'S tha 'm muileann dubh air thurraman, 'S tha 'm muileann dubh air thurraman, 'S tha 'm muileann dubh air thurraman, 'S tha togairt dol a dhannsa. 'S tha iomadh rud nach saoil sibh, 'S a' mhuileann dubh, 'sa mhuileann dubh, 'S tha iomadh rud nach saoil sibh, 'S a' mhuileann dubh bho shamhradh. 'S tha 'm muileann dubh air thurraman, 'S tha 'm muileann dubh air thurraman, 'S tha 'm muileann dubh air thurraman, 'S tha togairt dol a dhannsa. Shin agad a' stòraidh bh' air "Nead na Circe Fraoich," port cho math 's a chaidh a dhèanamh riamh. Bhiodh iad 'ga ghabhail nam b' e an deamhan a rinn e, nach biodh?