Back to recordings

An Cullach Breac

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF302i02E AN CULLACH BREAC


Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis
Tar-Sgrìobhadh: Mgr. Daibhidh MacFhraing | Fr. David Rankin


Bha bodach a' sin agus, agus, chan eil e fada, cha robh e fad' ás an àite seo, bha e gàbhaidh dòigheil. Ach bha coimhearsnachd aige agus bha tòrr do mhucan aige, agus tha sheans gu robh 'ad cho mìomhail 's a ghabhadh 'ad. Bhiodh 'ad a' cladhach a' siud 's a' cladhach a' seo 's—bha feansa stùmpaichean aig a' bhodach, 's fhuair a' mhuc mhór, fhuair i 'staigh, agus mhove i, shift i na thilg i na stùmpaichean às. Rinn i rathad dha na mucan eile ,'s rinn am bodach an t-òran seo.


S an cullach breac a bh' aig mo mhac
Gum brist e 'n fheansa stùmpaichean
'S gun leig e 'staigh i sia no seachd dhiubh
Ann an clais 's an iomaire
'S nan dèanainn sgéith,
'S gun toirinn mach a' sumanadh
'S tha muc na tòine caoilead,
Gus daoine fhaiceadh uirceanan,


Gun d' thuirt a' mhuc 's i 'g éigheachd muirt,
"Gur tus' an duine damainte,
Tha mise 'bàsachadh an-diugh,
Ach dé shaoileadh tusa fhathast air,
Bidh thu aig na biastan
'Gad riasladh 's an talamh
'S bidh mis' aig luchd na Beurla
Air an table a Halafacs.


Translation:


THE SPECKLED BOAR


There was an old man, and he wasn't far from here, and he was very capable. But he had a neighbour who had a lot of pigs, and I guess they were pretty misbehaved. They'd be digging there, and digging here, and the old man had a stump fence, and the big pig got in, it moved, shifted, threw the stumps out and it made a way for the other pigs, and the old man made this song.


The speckled boar that my son had,
That broke the stump fence,
You let in six or seven of them,
In a trench in the field,
If I take flight,
I'll put out a summons,
That there's the lean-rumped pig,
So that people could see its piglets.


The pig replied, screaming bloody murder,
"You're the damned man!
I'm to die today,
But what would you think of it yet,
The bugs will have you,
Ripping your corpse to shreds in the ground,
And I'll be with the English-speakers
On the table in Halifax."




Angus Gillis
Màbu an Ear Thuath | North East Mabou 10 recordings Faic pròifil | view profile