GF302i01 IAIN MACFHRAING AGUS AM MATHAN Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Ceataidh Peigi (N'in Aonghais Dhòmhnaill, Bean-phòsta Aonghais – NicFhraing a bh'innte): `S e Aonghas: Iain MacFhraing, nach e? CP: `S e, `s e. Tha mi cuimseach cinnteach. Tha mi cuimseach cinnteach. Chan urrainn dhomhsa … chan eil …. that's all. A: Alright, feuch e. Uill, Iain MacFhraing, a' cheud MacFhraing a thàinig dha na Coal Mines. Bha e `là sin, toiseach an t-samhraidh, a' trusadh a' chruidh, na `n crodh òg a bh' aca shuas `s a' Ghleann. Bha e mu leth mhìle bho `n taigh, na còrr… dh' ionnsaigh a' là an-diugh, bheir iad "Craobh a' Mhathain" ris. Dé thachair air ach am mathan `s dà chuilean aige `s shìn am mathan air. Ghabh esan suas ann an craobh do dh'fhiodh cruaidh. Bha cù beag aig' agus ghabh an cù am bad a' mhathain dìreach dar a bha e `na sheasamh air a chasan deiridh `s chaidh e suas `s a` chraobh. Bheireadh an cù air … bheireadh e greim às a' mhathan. T(h)illeadh am mathan air ais. Fhuair MacFhraing ùine gu leòr gus dìreadh `s a' chraobh `s a dhol amach air a' speuc. Fhuair am mathan suas `s a' chraobh `s thòisich e air dol amach air a' speuc a bha seo – air a' mheur mhór a bha seo, `s thòisich am meur air lùbadh `s thilleadh am mathan air ais astaigh dh'ionnsaigh stoc na craoibh' `s rachadh e sìos air an talamh. A' cheud triop, dar a bha e `dol suas, theab e… rug e air shàil air `s thug e greim às an t-sàil aig' `s bha a' fear eil' a`sileadh anns a' chraobh. `S thug e an uair sin, dar a chaidh am mathan sìos dh'ionnsaidh na talmhainn, thug e dheth a chòta `s thilg e an còt' a bh'air sìos air an talamh ach dé dheanadh am mathan – am falbhadh e? Ghabh am mathan sìos `s shrac e an còt' `na bhìdeagan le spògan is le ìnean. Agus an cù comhartaich `ga chur ceàrr,`s mu dheireadh dh' fhàs e sgìth – dh' fhàs am mathan seachd sgìth dhe `n chù a bhith comhartaich `s a h-uile sìon a bh' ann. `S dh' fhalbh am mathan. Fhuair MacFhraing às a' chraobh, ach tha i dh'ionnsaigh a' là an-diugh… `s e "Craobh a' Mhathan" a bheir iad ris. Tha e an deoghaidh lìonadh a-staigh le coill' òg anist. Agus, dh' eug an duine truagh. Dh' eug e an ceann dà bhliadhna as deoghaidh sin. Chaill e leithid do dh' fhuil agus cha robh e ach dà bhliadhna beò. `S dh' fhàg e suas ri deich neo h-aon deug – ceithir deug do theaghlach. `S an dealbh aige – a' bhean aige - againn ann a' seo an diugh agus tha sinn direach `dol a choimhead oirre. Agus sin agad a' stòraidh a th'againn air a' sin.