Back to recordings

Alasdair Aonghuis 'ac Dhòmhnaill a' Sealgaireachd

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF301i08 ALASDAIR AONGHUIS 'AC DHÒMHMAILL A' SEALGAIREACHD


Beulaiche: Donnchadh Dhòmhnaill Aonghais Bhàin | Angus Gillis


Bha Alasdair Aonghuis 'ac Dhòmhnaill a bha seo, bha e 'na shealgair ainmeil suas ri ceud bliadhna roimh'. Bhiodh na geòidh fhiadhaich, bhiodh 'ad a' tighinn, dol cros dh'ionnsaigh, dh'ionnsaigh na léig a's a' Nor' East [North East Mabou]. Bhiodh 'ad a' laighe aig a' Nor' East fad a dhà na trì làithichean ag ithe shuas air a' mhaiseadh. 'S o, bha na ceudan dhiubh ann.
Latha a bha seo, dh'fholbh Alasdair is thug e leis an gunn' aige, 's e, 's e muzzle loader a bh' innte. 'S cha d' thug e cuimhn', dar a lòd e 'n urchair 's a chuir e an cuifean innte 's dar a chuir e fùdar innte 's dur a chuir e air dòigh an urchair, cha d' thug e a' steama riamh aiste—bata iarainn a bha dol sìos am broinn a' bharaill' aig', pacadh na h-urchair.
'S chunnaic e—all of a sudden—dh'éirich na geòidh fhiadhaich dìreach suas bhos a chionn 's loist [loisg] e. Loist e 's dh'fholbh—thill—breab an gunna 's thilg i Alasdair air a thòin a-staigh a-measg nam bush-an 's chaidh—chùm—chaidh am baraill iarainn suas ro na geòidh fhiadhaich 's mharbh e fear dhiubh 's thill am bàrr a-nuas air ais 's chaidh e ro ceann bradan a bha 'staigh air taobh na léig—taobh na h-aibhne.
Agus dar a bha Alasdair, dar a fhuair e ás an—ás a'—ciamar a bheir thu 'ad? Dar a fhuair e ás a'—ás a' chràdh a fhuair e ás—ás an urchair—fuaim na h-urchair, thug e sùil is bha moigheach marbh 's thog e 'm moigheach 's chaidh e sìos 's thug e 'm bàrr ás a' ghut 's bha bradan aige, agus thug e 'n geòidh fiadhaich 's thàinig e dhachaigh 's bha gèadh fiadhaich is bradan is moigheach aige air an aon urchair.
Beataibh sin a-nis le cuid urchairichean [urchraichean].

Angus Gillis
Màbu an Ear Thuath | North East Mabou 10 recordings Faic pròifil | view profile