GF301i07 TOIRT M' AGHAIDH RI DIÙRA Beulaiche: Rhodena ni'n Dòmhnuill Iain 'ic Mhìcheil D 'ic Dhòmhnaill Dhotair | Rhodena MacLellan [Séist:] Hiuraibh é, hiuraibh ó, Hiuraibh o, gheallain, Théid mi ho 's na hog éille, 'S e bhi réidh leat o math leam. Toirt m' aghaidh air Diùra, Cur cùl ri bòrd aiseig, 'S neònach mu té a bha tùrsach, Deòir a' drùidheadh gu talamh. Latha Nollaig a-màireach, 'S tu fàgail na Callainn, Dé mar a sheasas mi an còrr ann, 'S gun an òigear aig baile? Gaol piuthar is gaol bràthar, Gaol mo mhàthar, no mo leannan, An gaol a thug sinn 'ga chéile, Cha thréigear ri ar maireann. Saoil an creid sinn bho chàch e, Gu fàgadh tu am baile, Gus am facas am bàta, 'S na siùil bhàn ri àrd crannaibh. 'S tu fuathasach nan Gàidheal, Is [smeòrsach?] na marachd, Dol an éideadh a' Ghàidheil, Air sràid gur tu 'm meangan.