GF301i06 A-MACH À POINT ACONI Beulaiche: Rhodena ni'n Dòmhnuill Iain 'ic Mhìcheil D 'ic Dhòmhnaill Dhotair | Rhodena MacLellan Tar-Sgrìobhadh: An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gaidheal | Highland Village) [Séist:] Fa ì éileadh o ro, Fa ì éileadh o ro, Fa ì éileadh o ro, 'S o choin, nuair a dh'fhalbh sinn. A-mach ás Point Aconi, Bha 'n double reefs 's foresail, Bha mainsail air a' lowaradh, 'S an jib cha mhór nach d' fhalbh i. 'S e rinn mo mhalaidhean gruamach, Mo shùilean 'g iarraidh dùnadh, A bhith cho tric a' stiùireadh, Air uisge ciùin is garbhan. 'S e rinn mo làmhan grànnda, 'S dh'fhàg iad mar a tha 'ad, A' bhith cho tric 'sa sàile, 'S le ròpa làidir cainbte.