GF301i05 MARBHRANN DO BHEAN 'ILLEASBUIG CHALUIM (CHAIMBEUL) AS A' RUDHA DHEARG Beulaiche: Rhodena ni'n Dòmhnuill Iain 'ic Mhìcheil D 'ic Dhòmhnaill Dhotair | Rhodena MacLellan Bàrd: Alasdair mac Illeasbuig 'ic Chaluim Iain Eachainn | Alec Campbell [Séist:] O hi rill la bha ó, O hi rill la bha ó, Siuthadaibh 'illean 's og i ó, Mo chridhe 's trom, 's cha neònach. Is e mu mo mhàthair a tha mi 'gearain, Treis a' caoineadh, is treis a' cadal, Bidh mi a' cuimhneachadh gu madainn, Mar a thachair dhomhsa. Tha mo cheann a-nisd a' glasadh, Eadar crann is cridhe is cladach, Eadar bàtaichean is lìn, A mhill an t-àite dhomhsa.