GF300i02 CLEACHDAIDHEAN AIR OIDHCHE SHAMHNA Beulaiche: Eòs mac Iain Thormaid 'ac Iain | Joe MacIntyre Oidhche Shamhna bhiodh ac' o chionn fhada 's ma—ma dh'fhaoidte far a bheil seann-daoine fhathast, gum bi 'ad ris na gnothaichean ud, gum biodh 'ad a' leughadh ghlainnichean. Gheobhadh 'ad glainne uisge 's gheobhadh 'ad ugh 's bhristeadh 'ad 'san t-ugh. Agus leigeadh 'ad gealagan muigh sìos 'san uiste [uisge] 'sa ghlainne. Agus bhiodh sin a' dol ann an—ann an shape mar a bhiodh duine no boireannach 's bhiodh—chitheadh tu e plain e tha fhios agad, a' rud a bh' air bottom na glainne. Uill an duine a bha math air —air a' seo, leughadh e 'mach ge b' e dé a bha dol a thachairt. Chitheadh e an grunn na glainne. 'S leughadh e is dh'innseadh e dhut ma bha sian dol a thachair riut no ma bha gnothaichean a' dol a dh'fhalbh math leat, gnothaichean mar seo. Agus sin agad mar a leughadh 'ad na glainnichean. Uill bha rud eile ac' an uair sin far am biodh còmhlan a-staigh Oidhche Shamhna 's bhiodh 'ad a' leughadh nan uighean. 'S bhiodh 'ad a' daibheadh airson ùbhlan cuideachd, anns an uisge. Agus bha seo aca cuideachd nam biodh ceirle do snàth aca, ceirle do shnàth clò. Rachadh cuideigin a-mach, uill, duine sam bith no duine deagh diofar, cha dèanadh e gu diofar, leis a' cheirle 's a' sadadh seachad air mullach an taighe. Seachad cros air a mhull agus nuair a—nuair a bhuaileadh a' cheirle an talamh air an taobh eile, 's draghadh beag thoirt air an t-sreang, le rudeigin ás. Dh'fhaighneachd tu an uair sin, "Cò tha seo air ceann a' ròp'?" Uill ma bha thu faighinn freagairt air ais, ma dh'fhaoidte gu—gu robh naidheachd do bhàis a bh' aig an duin' a bh' ann, no ma dh'fhaoidte 'm boireannach no fireannach a bha thu dol a phòsadh, a bha dol 'ga pickeadh no ma bha sian de dh'fhortan dol a thighinn a-staigh ort no leithid sin. Leithid a gheobhadh tu air ais. Agus sin agad mar a bha dòigh ás an robh na gnothaichean sin a' falbh. Mar a—mar a chuala mise aig an t-seann-fheadhainn.