GF299i02 EÒS CHALUIM GHOBHA AGUS AN TAIBHSE Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Uill bha bhràthair athar agam fhìn agus cha robh sian a bhiodh a' dol a thachairt bliadhnaichean mu 'n a dh'eug e nach fhaiceadh e. 'S e seòrsa do forerunners a bh' ann [choltadh?] e. Ach bha e—chaidh e air chéilidh gu taigh a bh' ann beul oidhcheadh agus bha—'s e taigh ùr a bh' ann. Cha robh partition across 'na mheadhan idir. 'S cha robh ach aon chlàr réidh uile. Agus shuidh e aig an doras nuair a chaidh e a-staigh. Agus an ceann spell dh'éirich e 's chaidh e gu ceann shìos an taigh' agus shuidh e ann a' sin. Dh'fhaighneachd e fear, "Ciod thuige nach do dh'fhuirich thu air an àit' [far?] robh thu 'nad shuidhe? Tha thu sin shìos cho fada." "O, seall air an [naidheachd/fhear?]," ars' esan, "bha mi tuilleadh is blàth," ars' esan, "far na shuidh mi an toiseach." Rinn e a' céilidh 's dh'fhalbh e co-dhiù agus an ceann oidhcheannan, chaidh e gu taigh eile is theann e air innse a' rud a chunnaic e. Gun deach e gu taigh fear ris an canadh 'ad Eòghann Mac Eòghainn, 's ann bha e an déigh move-adh dha 'n taigh ùr agus nach robh—[chanadh?] a bha e ri fhaicinn ach daoine uile gu léir, an taigh làn. 'S cha robh aon àite suidhe ann. Bha e 'na shuidhe aig an dorast agus an ceann shìos an taighe, gu robh aon àit' eile. "Dh'éirich mi," ars' esan. "Chaidh mi," ars' esan, "[a-bhos?] co-dhiù, leis a bha timcheall orm. Chaidh mi sìos," ars' esan, "'s shuidh mi an ceann shìos an taighe 's dh'fhaighnich 'ad dhìom ciod thuige nach do shuidh mi ann an—nach do dh'fhan mi far a' robh mi 'nam shuidh, 's thuirt mi gu robh mi ro bhlàth." Beagan agus mìos ás a dheoghaidh sin, dh'eug fear an taighe agus chan eil cuimhn' a'm có 'ad, nighean ás do dhéidh. Bha am fear—an crowd, "Tha fhios a'm," ars' esan, "bha mi faicinn," ars' esan, "an duine bha marbh," ars' esan, agus dh'innis e mar a chuir—dh'eug 'ad dha, mar ann 's a bha 'na latha. "Agus," ars' esan, "thàinig sin air a' chois glé ealamh dha." Ach latha na mhàireach ràinig e—thàinig e gu taigh, m' athar a bh' ann, agus cha d' dh'innis e dha m' athair a' rud a chunnaic e. Agus each is wagon—bha e fuireach aig, aig sagart an greis Christmas Island. Agus dh'éigh, éibheach an t-sagart aige agus a wagon. "Ah, glé math," ars' esan, m' athair, "tha mi fhìn a' dol a-null a dh'Eilean na Nollaig còmhla riut," ars' esan. "Gheobh mi a' ride," dh'éigh e a-bhos e. Cha robh e ach mu twenty-two no twenty-three years a dh'aois a bha e an uair sin. Agus a-null pìos a' rathaid co-dhiù, theann e air deanamh smoc, pìob aige agus smoc. Agus bha e crom, is thog e a cheann, is ghrab e na reins bho m' athair. "Gu dé," ars' esan, m' athair, "[tha air 'n aghaidh?]" "Thachair do 'n tòrradh a' tighinn 'nar coinneamh, [...?] dol a ghabhail a-staigh ann am meadhan a' rathaid." "Chan fhaca mise," ars' esan, m' athair, "do chuid tòrraidhean, ma chunna tu fhéin e." "An dà, chunnaic," ars' esan. Seachdain ás a dheoghaidh sin chaidh an tòrradh through, all right. Chan fhaiceadh m' athair sian dhe sin. Bha Iain agus m' athair latha, an déidh dha, esan an t-sagairt fhàgail, air neo mun—mun deach e a dh'àite an t-sagairt, bha 'ad a' togail pìos feansadh air an àite. Thog e a cheann. Shin a' cluinntinn m' athair start e air bruidhinn, "Aye, aye," ars' esan, "Dé tha seo?" "Dé," ars' esan, m' athair, "tha thu faicinn?" "Eaglais mhór, bhrèagha ann a' siud," ars' esan, "air a' chnoc ud shuas." Ceann dhà no a trì bliadhna, chaidh an eaglais a thogail ann. Chan fhaiceadh m' athair no gin dhe an fheadhainn eile sian. Sian. A Dhia. Cha robh rud nach fhaiceadh e. Tha poidhle a dheanadh e [?], chaidh 'ad, chaidh 'ad ás mo chuimhn'. Bhithinn a' cluinntinn m' athair a' bruidhinn orra.