GF297i05 RAGHNALL MAC AILEIN ÒIG AGUS MÒR MHÓR Beulaiche: Dùghall mac Alasdair 'c Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Dougall MacDonald …a-muigh ann an gleann an àiteigin, os an cionn an àit air choireigin; agus chaidh Raghnall Mac Ailein Òig, chaidh e mach. 'S e seòrsa de dh'fhamhair a bh' ann is chaidh e 'mach is thug a' chailleach dha—thug an t-seann té dha biadh 's rud 's thuirt i: " Is fheàrr dhut falbh a nist, nuair thig Mòr Mhór dhachaidh, feumaidh tu falbh. 'S fheàrr dhut falbh cho fad 's a bhios sìth agad." Agus cò dhiù, "Chan fhalbh," thuirt e, "chan fhalbh mis—chan eil eagal agam ro dhuine tha beò." Agus an ceann tacan, thàinig Mòr Mhór dhachaidh agus fiadh aice cross air a gualainn is cuilean mathain fo h-achlais. Dhrop i 'm business aig an dorast agus thuirt i ris cha chlearadh e siud, 's thuirt e, "Cha chlear!" Ghabh iad am bad a chéile agus a' chiad spìonadh a thug i, nuas Raghnall Mac Ailein Òig air a ghlùin …air a ghlùin… "Cha bhi strìth agam dhut, a Raghnaill," thuirt i. Ach, an ath thwist, thug Raghnall a-nuas ise agus chuir e ghlùin air a muin agus thuirt i; "Feumas gura tusa Raghnall Mac Ailein Òig?" "Is mi." Shin agaibh a nise. "Uill, thug mise mionnan nach pòsainn duine gu sìorraidh mura faighinn Raghnall Mac Ailein Òig agus ma phòsas sinn, falbhaidh sinn an nochd 's pòsaidh sinn!" Ronald Young Allan's Son and Big Mòr …out in a glen somewhere, above them in some place; and Ronald Young Allan's son went out, he went out. He was a kind of giant and out he went and the old woman gave him—the old lady gave him food and such and she said; "You had better leave now, when Big Mòr comes home, you will have to leave. You had better go while you have peace." And anyhow, "I won't go," said he, "I won't leave—I fear no man alive!" And after a while, Big Mòr came home with a deer across her shoulders and a bear cub under her arm. She dropped the business at the door and told him to clear out of there and he answered, "I won't!" They went for each other and with her first grab, down came Ronald Young Allan's son on his knee…on his knee… "You will be no trouble for me, Ronald," said she. But, with the next twist, Ronald brought her down and put his knee on top of her and she said; "You must be Ronald Young Allan's son?" "I am." There you have it now. "Well, I swore that I would never marry any man unless I got Ronald Young Allan's son, and if we are to marry, we shall go tonight and get married!"