GF295i04 LIONN NAM BEANN Beulaiche: Iain Niall Iain Mhìcheil Dhòmhnuill Iain | John Neil Campbell Bàrd: Iain Nìll Mhìcheil Dhòmhnaill Iain | John Neil Campbell Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-10-30 [Séist:] Lionn nam beann, ballan lionn, Cuach dhìot an dràsd' bhith agam, Lionn nam beann, ballan lionn. 'S gur e ballan lionn, bhith làidir trom, A bh' agad fhìn dol seachad. 'S gura h-e mo [h-aighear/òigear?] dhorcha, Thug e treis 'gad dhèanamh deiseil. 'S gura h-e mo boinne a rinn e, 'S iomadh cuach dheth a thug e seachad. 'S gur e dubh an deoch a chòrdadh, Le na Gàidheil anns a' bhotal. Chan fhaca sibh banais dòigheil, Gun thu bhith air [a' bhod (bod an leanna)/bho 'd?] fhàgail. Is cha chan mi riu' an còrr mu d' dheighinn, Deoch shlàinte bhith aig do dhachaidh.