GF294i02 AN TEID THU LEAM, A RIBHINN MHAISEACH Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean Bàrd: Alasdair M. MacNeacail , Billy an Fhiosaich | Alexander Nicholson [Séist:] An téid thu leam a rìbhinn mhaiseach, Am falbh thu leam a rìbhinn òg? An téid thu leam a rìbhinn uasal, A-null air cuairt do dh'Eilean Leòdhas? Eilean Leòdhais, tìr nan gaisgeach, Tìr nan lasgairean is nan sàr, Càite an cualas riamh no cualas Far robh buaidh thug orra tàmh. Chì thu m' athair ann 's mo mhàthar Mo bhràithrean 's mo phiuthar òg, 'S gheibh thu iadsan tha dhomh càirdeach, Crìdheil bàidheil, mar bu chòir. Chì thu laoich as bòidhche snuadh ann 'Bheireadh buaidh am blàir na h-Eòirp', Chì thu maighdeannan gun ghruaim orr' Gabhail duan a luadh a' chlò. Chì thu taighean air an t-sliabh ann Nach fhaca tu riabh a' seors’ Crodh is caoraich air gach taobh dhìom Is gur fhraoich an tìr nan seòid. Chì thu muir gun sgìos a' bualadh Creagan ruadh gruamach àrd, ‘S chan fhaca tu riamh nas bòidhche Na na h-eòin bhios orra tàmh. Chì thu ann gach nì mar shaoil leam 'Se le mo dhùrachd siud mar bha, O, ma thèid thu leam a chaoidh ann Gheibh thu caoibhneas agus gràdh. Ruigidh rith' gu sìobhalt' ciùin mi Théid mi rùn leat null thar sàil, Bho’n tha tìr do bhreith cho rìomhach Fanaidh mi gu crìoch mo latha.