G290i07_291i01 AIR FAILIRINN Ó HI RI HO RO Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Air failirinn ó hi ri ho ro Thug oireann ó mo chailinn donn Air failirinn ó hi ri ho ro Ged bhiodh a' ghaoth ri sgoltadh nan craobh, Gu seasadh mo ghaol air crannagan. 'S a' mhadainn Dimàirt 's an ciaradh 'na tràghad, Bha mise 's mo ghràdh a' dealachdainn. 'S a' mhadainn Diardaoin nuair bheòthaich a' ghaoth, Bha mise 's mo ghaol ri dealachdainn. Ma shéideas i 'n iar 's an t-aodach cho crìon, Cha téid i gu sìorruidh cala. 'S [air?] fada crom ciar a thàinig on iar, Gun d' thug e leis sìos mo leannansa. Bha e cho fine gu siubhail na h-oidhch', Chan fhaca sinn soills' na gealaiche. A-muigh as a' chòbh ri 'g iasgach nan ròn, 'Se nigheanan 'ac Leòid aig feareigin. Bha i cho [mionnach? ]gu [?] na sealg, 'S tha thu air falbh ma leannan-sa.