GF286i06 ÒRAN NA BAINNSEADH (CUINGICHTE) Beulaiche: John Dan Nìll Mac na Bantraich | John Dan MacNeil Bàrd: Catherine MacNeil | Bean Mhìcheil Steaphainn , Catrìona NicNìll Chaidh an t-òran seo a dheànamh do dhuine a bha mu dheich bliadhna fichead -- ma trì fichead bliadhna. Agus -- dha 'n bhean na bainnseadh aige, bha i deich bliadhna fichead a dh'aois nuair a thachair seo. Agus b'fheudar dha pòsadh air tàilleabh. Bha leanabh dol a bhith aice bhuaith, is chaidh a' sagairt as a dheaghaidh airson a pòsadh. Agus ghabh bana-charaid dhi, ghabh i gu math dona an naidheachd a chuala i agus rinn i an t-òran mu dheidhinn an duine seo. Bha e pòsda dà thuras roimhe siud. Bha e air a bhith na bhanntraich an dàrna turas agus chan eil chuimhn' a'm dé na bh'aige do theaghlach. Bha teaghlach mór aige o'n dà bhean, co-dhiù. Agus a' chiad chàr -- bha na càraichean gann anns an àm -- a' chiad chàr a's an deachaidh 'ad airson a dhol a phòsadh, a dhol gu 'n eaglais, a dhol a phòsadh -- chaidh e le banc' a' rathaid agus gu mìorailteacha, cha deachaidh gin ac' a ghoirteachadh. Agus chaidh an uair sin fios a chuir air càr eile. Agus an càr eile -- bha trì chàraichean ann uile gu léir air a' phòsadh. Agus an càr -- an dàrna càr, 'se 'n càr a bha 'sa mheadhan a th' air ainmeachas anns an òran -- mharbh e cearc aig fear dha na nàbaidhean air a' rathad a' dol gu 'n eaglais. Agus an treas càr, 's e fear còigreach eile a thug air ais e, is bha sin uileag a's a -- ann an ceathramhan an òrain. [Séist]: O, teann, teann a' bhodaich, O, teann, teann, teann a' bhodaich, Teann is fuirich thall a' bhodaich, Is na bi 'tighinn a chogadh orm Fear a tha dol a phòsadh a-màireach Fios aig gach neach mar tha e Liuthach duine deug do phàistean Aig an tràill nuair bha e òg Gum b' fheàrr leam a bhith gun duine Mur b' urrainn dhomh fhín fuireach Na bhith 'coimhead 's e na ghurrab 'Nuair bha e 'cur na h-ighinn òg Mun d' thàinig na sia uairean Gun robh àsan ann an cruadal Chaidh 'n càr air an uachdair Tha e fuathasach 'ad bhith beò Gur e 'n càr a bha 'sa mheadhan Chuir gach creutair gu clisteadh Dh'fhalbh na cearcan far na spiris 'S ann am mionaid rinn e feòl Cha b'e 'n càr a thug gu cal' thu Cha b'e idir thug air ais thu Ach eil' an fhortan is tha e na fhortan Gun do choisinn e gu leòr 'S ann a chunna culaidh-eagail Mar gum biodh sibh air na creagan 'S mise nach rachadh nam bhreislich Ged nach seasadh sibh nam chòir 'S e honeymoon a thug dhaibh gluasad Gun do ghabh 'ad suas an suampa Far a' robh gu leòr do luachair 'S air a chuairteachadh le lòin Sin na tha cuimhne agam-sa air.