GF286i03 O, GHAOIL, A PHEIGI Beulaiche: Ealasaid ni'n Aonghais 'ic Alasdair 'ic Nìll 'ic Iain 'ic Mhurchaidh | Elizabeth MacNeil Bàrd: Catrìona Ailein Nic an t-Saoir | Catherine MacIntyre [Elizabeth MacNeil:] [Séist:] O, ghaoil a Pheigi Mheall thu mi gun teagamh, Cùram mór is eagal orm, Gur beag ort mi Nam fàighinn mo bhrògan, Nam faighinn mo chòta, Rachainn ann am [forum?], Phòsainn anns a' [mhìn/meadhan?] thu. [Joe Neil MacNeil:] Ma bhios mi 'dol seachad [EMN:] Dar bhios mi 'dol seachad Tadhlaidh mi [gu beachd dè?] Taigh Ruairidh Ailein Nas beartaich' e na rìgh. [JNMN:] [?] gu bean Dhòmhnaill [EMN:]'S théid mi gu bean Dhòmhnaill 'S fhada bho 'n bha— [JNMN:] Feuch am bi i còir rium [EMN:] Feuch am bi i còir rium 'S fhada bho 'n bu chòir dhi Clòimh a thoirt dhomh fhìn [JNMN:] [Bha i àlainn 's a?] cùl rium [EMN:] Gun cuir a' bhean cùl rium Bheir i stad [cha robh mi/ a' rùbh' mi?] 'S bheir i rùsg dhomh fhìn 'S nam faighinn mo bhrògan—o, ghabh mi siud. Shin agad e.