Back to recordings

A' Mheudachd a bh'ann an Claidheamh Fhìnn

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF276i10 A' MHEUDACHD A BH' ANN AN CLAIDHEAMH FHÌNN


Beulaiche: Alasdair | Alec Goldie



Tha cuimhn' agamsa nuair a bha mi 'nam bhrogach aig àite Chaluim Iain aig a' Cheap Leathach. Bha 'ad ag innse naidheachdan 's sgeulachdan mu dheidhinn na Fìnne. Agus, 's e 'cheist a bhiodh 'ad a' faighneachd na uaireanan an claidheamh a bh' aig Fionn: dé mheudachd a bh' ann?


Agus, bha naidheachd bheag aca mu dheidhinn meudachd a' chlaidheimh. Nuair a bha, bhiodh Fionn a' sabaid ris na Philistinich, agus a rachadh e ann a' chogadh riu', bhiodh each aige, agus 's ann bho dhruim an eich a bhiodh e a' caitheamh na cinn far na Philistinich.


Agus, bha 'ad a' cantail a' spadh, 's e sin a chanadh tu ris, a' spagh a bha e a' gearradh ro an t-arm aig na Philistinich, bha e dà fhichead troigh 's a h-ochd nuair a bha ea ' dol seachad agus ro na Philistinich.
Agus, bha 'ad an uair sin a' cantail a' spionnadh gun chiall a bh' ann an Fionn, o chionn bha, cha robh e 'g ùisigeadh ach aon làmh, a' làmh cheart. 'S chaitheadh e an uair sin a-null a dh' ionnsaidh a' làmh cheàrr. Agus, 's e 'Mac a' Luinne', a bheireadh 'ad ris a' claidheamh a bh' aige. Agus bha e 'caitheamh sin mu chuairt air gach taobh eile dhe 'n làmh.


Agus, bha duine ann a's an aimsir sin ris an chanadh 'ad, Uallas, Uilleam Uallas. Agus, 's e duine gun chiall làidir a bh' ann an Uallas. Bha naidheachdan mu dheidhinn, ged nach eil 'ad agamsa. Ach, bha naidheachdan mu dheidhinn Uallas 's spionnadh gun chiall a bh' ann. Agus, a-réir choltach, bha e 'smaointinn gu robh e ceart a cho làidir ri Fionn.


Agus là dhe na laithichean, chaidh e a chéilidh air Fionn. Agus, a' reusan a bha e 'dol a choimhead air Fionn, feuch a' faigheadh e a-mach dé a' spionnadh a bh' ann a' Fionn. Agus, nuair a bha e 'fàgail an taigh aig Fionn, dh'fhaighneach e do Fionn, "Càite," ars' esan, "a' bheil Mac a' Luinn'?"


"O," ars' esan, "tha Mac a' Luinne," ars' esan, "a-muigh ann a' seo."


"Uill," ars' esan, "An e sin an claidheamh a bhios tu 'sabaid ris?"


"Oh, 's e," ars' esan, Fionn. "Bidh mi," ars' esan, "'ga h-ùisideachadh air na Philistinich nuair a bhios 'ad a' cur cogadh oirnn."


"Uill, bu toigh leam fhaicinn."


'S chaidh 'ad amach, 's bha an claidheamh air an talamh. Agus rug Uallas air a' chlaidheamh agus le neart uileadh cha b' urrainn dha ach aon cheann dhi a thogail o 'n talamh.


Agus, bha Fionn 'ga chaitheamh mu chuairt le aon làmh, làmh cheart 's a làmh dheis.


Sin agad a' naidheachd a chuala mi mu dheidhinn a' mheudachd agus an cudthrom a bh' ann an Mac a' Luinn'.

Alec Goldie
Baile nan Éireannach | Irish Vale 10 recordings Faic pròifil | view profile