GF276i02 REÒTHADH CRUAIDH AGUS CEÒL Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon .... Air a bha e 'g obair 's a' phit an Inbhirnis, bha 'ad an deaghaidh spell do shìde fhuar fhaighinn. 'S feasgar a bha seo, bha 'ad a' feitheamh airson a dhol suas agus bha 'ad a' bruidhinn air an t-sìde, cho fuar 's a bha i. "Uill," thuirt Iain, "bha i fuar gu dearra. Chaidh mi fhìn dhachaigh," thuirt e, "feasgar a' latha roimhidh agus ghabh mi mo shuipear. Thug mi leam an fhìdheall agus thòisich mi air cluith agus bha i cho reòite 's cha chluinninn mi fhìn a' cluith," thuirt e. Ach, co dhuibh, an ceann beagan làithichean, thàinig aiteamh mhór agus cha robh fhios aig na coimhearsnaich mu 'n cuairt có ás a bha an ceòl a' tighinn.