GF275i06 SÌM FRISEAL AGUS AN T-SEANN LÀIR Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon Cheannaich Simon seann làir triop bho chàraid agus an ceann spell thadhal e. Agus bha e 'gabhail tì na shuidh taobh a' stobh agus dh'fhoighneachd a' seann bhoireannach dha, "Uill a Shìmon, dé an saoghal aig an làr dhonn?" "Uill, dìreach innsidh mise dhut," thuirt esan. "'S fhad' an t-saoghail bho'n a bha na fithich a' seinn na leadain bhos a cionn" thuirt e.