GF272i03 BEAN MHÌCHEIL 'AC NÌLL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A-nist, bhon a bha mi 'toirt eachdraidh bheag no cunntas air an fheadhainn aig an robh mi 'faighinn rann no sgeulachd no tòimhseachan no sìon le sin. Dh'ainmich mi uair no dhà co-dhiù Anna Chaimbeulach MacNìll. 'S e nighean do dh'Dhòmhnall Iain Dhiarmaid a bh' innte. Is bha i pòsda aig Mìcheal MacNìll (Mìcheal Ruairidh 'ic lain 'ic Eachainn Bhàin). Agus bha—bha mi fuireach an taca riutha 'n sin. Agus neo-ar-thaing nach robh—bu chòir eòlas a bhith gu leòr agam oirre dha-rìribh a thaobh gura h-ann còmhla ri Nìll Ruairidh 'ic Iain 'ic Eachainn Bhàin a chaidh m' àrach. Agus bha—bha an dlùth chàirdeas 's an dàimh a bha sin ann. Agus bha Anna, a bha sin, bha i—bha i fìor, fìor-mhath gu puirt-a-beul. Agus shaoileadh tu—dh'fhaodadh tu dannsa leath' nuair a thogadh i mar gum biodh i cainntearachd puirt. Agus cha be cainntearachd, tha fhios, mar a th' aca thall ann an Albainn a thaobh ceòl na pìobadh, ach mar a bhiodh iad an seo fhéin aca an Ceap Breatainn fhathast. Tha feadhainn ann a nì beagan dheth seo, agus sin na bhios agam ri g' ràdh ma deoghainn.