GF268i08 CAS-MHAIDE AIR BOIREANNACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha mi 'bruidhinn air—air luchd-siubhail no mar a, ma dh'fhaoidte gun canamaid gur e —buinneadh 'ad dha na ceàrdail. Agus, o, bha mi eòlach air a bhith 'ga faicinn an àm a bha mi dol dhan sgòil bhiodh iad a' dol seachad gu tric. Ach thadhail 'ad air latha sònraichte aig an taigh againn fhéin. Agus, o, chòrd 'ad ri muinntir an taighe gu fìor-mhath. Bha 'ad fìor ghasda seanchasail agus chaidh ghabhail riutha gu—gu coibhneil agus bha 'ad fìor-thoilichte ás mar a thachair. Agus a bhith bruidhinn, a bhiodh toirt mion-chunntais orra mar gum biodh—'s e duine gun a bhi glé àrd a bh' ann 'san duine beag—o, duine beag gu math, mar a chanadh iad, dèanta, bha iad gu math daingeann. Ach cha robh e ann an àirde mhór idir, agus chanadh tu gum faodadh e bhith na dhuine beag làidir cuideachd. Agus 's e boireannach fìor-ghasda a bh' innte-se, agus bha i fhéin gu math—cha robh i àrd idir ach bha i gu math garbh ann agus ge b'e gu dé chliobaist a thachair dhi, cha robh duine ann a bha—a bha mì-mhodhail no deas bhriathrach ealamh gu leòr airson faighneach as an àm ma dh'fhaoidhte mar a bhithinn fhín an-diugh. Dh'fhoighneachadh dhi gu dé thachair ach 's e—bha cas-mhaide oirre. Agus bha a chas air a dèanamh mar gum biodh bata is bha e spluite suas agus bha pìos a' dol air gach taobh dhe 'n t-sliasaid agus bha a' chuid ìosal a' tighinn gu chéile, ceann aig a' chéile, mar a bhiodh bata no a' chuid ìosal, mar a bheireadh 'ad, do chrutch, agus gu dearbh chan eil Gàidhlig agamsa air a' leithid sin—cha robh, chan fhaca mi 'n t-ainm aice riamh ged a bha mi fhín a' deanamh siubhail leath' leis na leithid a sin de bhataichean greisean nuair a bha mi car leònte. Agus sin na bheil agam ri gràdhinn mu dhéidhinn a' luchd-siubhail sin.