GF268i07 'S FHEÀRR SGUR GUN TÒISEACHADH, NO TÒISEACHADH GUN CHRÌOCHNACHADH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A' bruidhinn air rudan a rachadh pàirt dheth dhèanamh agus nach do chuireadh riamh gu ìre 'ad, chanadh 'ad gum b' fheàrr sgur gun tòiseachadh, no tòiseachadh gun chrìochnachadh. Agus tha mi 'créidsinn gun robh an gnothach a bh' ann fìor gu leòr agus gu robh cuid mhór de thùr de sheòltachd ann cuideachd. A-niste na briathran tha seo, a bharrachd air gun do leugh mi 'ad ann an leabhar no am pàipear, chuala mi 'ad cuideachd bho bheul-aithris. Co-dhiù 's ann 'san aon leabhar no an aon phàipear a fhuair an neach eile 'ad no nach ann, bha 'ad aigesan co-dhiù agus faodaidh mi 'g ràidhinn gun d'fhuair mi iad bho bheul-aithris a' bharrachd air a' leughadh.