GF266i06_267i01 AM FEAR A CHAIDH DHA 'N T-SÌTHEIN Beulaiche: Eòs mac Iain Thormaid 'ac Iain | Joe MacIntyre Uill mar a bha a h-uile sian eile thall ás an t-Seann Dùthaich, bha beinn shìthein ann. Null aig àm na Nollaig, mar a bha cleachdadh, aig uamhas an t-sluagh, 's tha a' chleadhadh aca fhathast, bhiodh 'ad a' dol a dh'iarraidh ruma na Nollaig agus am fear a bha seo, dh' fhalbh e. Chaidh e a choimhead—bha e dol a dh' fhaighinn buideal. Buideal rum' airson na Nollaig. Dh' fhalbh e. Fhuair e 'm buideal, agus air a' rathad a' tighinn dhachaigh bha am buideal rum' air a ghuaillinn. Agus bha e glé ghoirid do 'n bheinn a' dol seachad air aghaidh na beinne agus thug e 'n aire do cheòl. Bha e cluinntinn ceòl a-staigh a's a' bheinn agus chunnaic e fosgladh cuideachd an taobh na beinne. Thuirt e ris fhéin gun rachadh e a-staigh. Agus sin e mar a thachair dha. Choisich e staigh is bha am buideal air a ghuaillean agus, o, bha ceòl a-staigh. Nuair a chaidh e a-staigh dha 'n bheinn bha 'n ceòl a b' fheàrr a chuala cluasan duine riamh a' dol air aghaidh aig na sìthichean. Agus thug e treis a' falbh, 's thug e ùin' a' falbh. 'S an fheadhainn a dh'fhàg e ás a dheoghaidh, bha e a' cur cùram orra, "[Saoil leam fhìn?] dé thachair do 'n duine a dh'fhalbh 's nach robh e tilleadh?' Agus ruith bliadhna mhór 's cha do thill an duine air ais. Bho 'n a bha an Nollaig an uair sin, bha fear eile dol a dh'iarraidh—deanamh an aon rud—dol a dh'iarraidh stuth na Nollaig. Agus tha e ri chantail nuair a rachadh duin' a-staigh dha 'n t-sìthein [ an uair siud? ], nam biodh sgian no pìos do chruaidh aig duine, agus a chuir ann an ursainn an dorais, nach dùineadh doras an t-sìthein idir, nan ghabhadh e dùnadh. Ach mar a bha an truaighe chiad fhear a chaidh a-staigh cha robh sìon aig' a chuireadh e 'n ursainn an dorais. Chaidh e 'staigh 's dhùin e 'n doras agus bha an ceòl ag obair agus theann e ri danns. Agus an ceann na bliadhna an uair sin, a' fear eile a dh' fhalbh—bha e dol a dh'fhaighinn an stuth e fhéin. Chual' e an aon rud 's chual' e an ceòl. Agus thuirt e ris fhéin a-nis, gu rachadh e 'staigh a dh'éisdeachd ris a' cheòl. Ach thachair dha—an fhear sin—gu' robh sgian aige, sgian phòc' agus 's e —rinn—'s e cruaidh a bh' ann agus chuir e a' sàs an ursainn—stick e ann an ursainn an dorais i. Agus chaidh e a-staigh agus bha fear eile ag obair air dannsa, meadhan an ùrlair a bh' ann. Agus thuirt a' fear a chaidh a-staigh ris a-nis, "Tha an t-àm agad ri tighinn dhachaigh," ars' esan, "Tha ùine mhór bho dh'fholbh thu às an taigh." "Uill, chan urrainn dhomh falbh fhathast," ars' esan. "Leig—leig leam gus an dean mi ullamh a' steap tha seo." Agus e ag obair air dannsa fad na bliadhna 's am buideal air a ghualainn aiges' fo 'n aodach. Tha teansa gun robh i a' falbh math 'san t-sìthein.