Back to recordings

Dòmhnall Dubh Mac Dhòmhnaill 'ic Mhuirich

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF266i05 DÒMHNALL DUBH MAC DHÒMHNAILL 'IC MHUIRICH


Beulaiche: Eòs mac Iain Thormaid 'ac Iain | Joe MacIntyre
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2024-01-29



Bha fear ann as an t-seann dùthaich ris an canadh 'ad Dòmhnall Dubh mac Dhòmhnaill 'ic Mhuirich agus 'se maraich' a bh'ann. Bha soitheach mór aig' agus 'se duine gu math treun a bh' ann fhéin. Bhiodh e a' seòladh agus….. Bha triùir de nigheanan cuideachd ann agus 'se na feannagan a bheireadh 'ad riutha. Bha 'ad car eòlach air Dòmhnall Dubh a bha seo, agus bha 'ad glé mhath gu dèanamh bhuidsichean, na feannagan a bha seo, na h-igheanan. Agus bha 'ad aon latha 's thòisich 'ad air deanamh suas ri chéile a-nist, bha 'ad a' cantail, gun robh 'ad a smaointinn nach robh Dòmhnaill Dubh mac Dhòmhnaill 'ic Mhuirich astar eagallach a muigh idir, gun robh e air an rathad a' tilleadh dhachaidh. Uell, té eile a-nist air a rachamaid sìos chun a' chladaich agus feuch an cuireamaid… an téid againn air car a chur dhan t-soitheach aig Dòmhnall Dubh nuair a chì sinn e a'tighinn astaigh. Dh'fhalbh an triùir aca.


O uill nuair a ràinig 'ad an cladach, chunnaic 'ad an soitheach ach bha i cho fad air falbh 's nach dèanadh 'ad amach…dhèanadh 'ad amach dìreach gun robh rud beag dubh a bha a-muigh. Uill thuirt an darna té ris an té eile, an té a bu shine a-nist, "Feuch thusa, feuch dé, an téid agad air an gnothach a dheanadh air Dòmhnall Dubh."


Uill, thòisich i sin, ge bith dé a' bhuidseachd a bha i 'dèanadh, na ge bith dé mar a bha i 'g obrachadh a' ghnothaich. Ach cha robh i fad sam bith ag obair nuair a thòisich a' stoirm air éirigh. 'S thòisich an fhairge ri éirigh. Bha soitheach a' teannadh goirid a' làimh. Chitheadh 'ad beagan na b' fheàrr e a h-uile mionaid. Agus, o, bha 'n gnothach ag obrachadh eagalach do Dhòmhnall Dubh. Ach air deireadh thall, cha d' rinn a' chiad té 'n gnothach idir 's thug i suas an cas agus thuirt i ris an dàrna té a-nist, piuthar eile - an té a bu ghiorra dhi, "Feuch thusa a-nist. Cha dean mis' an gnothach idir air."


Thòisich i sin air an aon rud, is thòisich an stoirm air èirigh thòisich an fhairge air èirigh 's bha Domhnall Dubh sìos is suas uair a chitheadh 'ad 's an ath uair, chan fhaiceadh. Uill, bha 'n nighean sin ag obair gus an robh fallas ga dalladh i-fhèin…a' feuchainn ris an gnothach fhéin a dheanamh air Domhnall Dubh ach…air deireadh thog i suas an cas. Uell, thuirt i 'nist ris an té a b' òige, piuthar a b' òige a bh' aca, "Feuch thusa a-nist, feuch dé nì thus'."


Thòisich i sin 's an aon rud 's a bha càch a' deanamh, tha mi cinnteach feuch gun deanadh i-fhéin na b' fheàrr ach, o, bha a' mhuir, bha i sgràthail, eagallach. A' stoirm air sìor fhàs dona. Bha 'm bàta a' sìor theannadh goirid do làimh, ge-tà. Ged a bha an gnothach cho dona 'sa bha e.


Uill, air deireadh thall, tha mi cinnteach, an nighean sin, thionndaich i ris an fheadhainn eile, "Uill," thuirt i riù, "a-nist, chan eil dòigh agamas air an gnothach a dheanamh agus Dòmhnall Dubh mac Dhòmhnaill 'ic Mhuirich air a' stiùir." Agus sin mar a chaidh an naidheachd sin fhàgail agams'. Tha seansa gu robh Dòmhnall Dubh e fhéin gu math, gu robh e fhéin gu math garg.



Joe MacIntyre
Baghasdal | Boisdale 17 recordings Faic pròifil | view profile