Raghnall Mac Ailein Òig agus Mór Mhór
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF266i03 RAGHNALL MAC AILEIN ÒIG AGUS MÒR MHÓR
Beulaiche: Eòs mac Iain Thormaid 'ac Iain | Joe MacIntyre
Raghnall Mac Ailein Òig a bha seo, às an t-Seann Dùthaich, 's e duine mór sgairteil a bh' ann. Bha e mar gum biodh feadhainn dhe na Fianntaichean fhéin. Agus bha boireannach a bh' ann a's a' cheàrn' dhe 'n dùthaich cuideachd ris an canadh 'ad Mòr Mhór agus 's e boireannach gu math foghainneach a bh' innte fhéin. Bha i car 'na Fianntaich i fhéin.
Ach uair dhe na h-uairean an latha, bha Mac Ailein Òig gabhail a' rathaid mar is cò thachair ris ach Mòr Mhór a bha seo agus thug 'ad ùine bheag a' còmhradh ri chéile, a' bruidhinn, agus ann an dòigh air choireigin an uair sin cha robh 'ad a' tighinn réidh air a chéil' agus cha robh ann ach fheuchainn ri carachd.
O thug 'ad—thug 'ad ionnsaigh math air a' charachd ach cha robh Mac Ailein Òig, tha seansa, gu math na b' fheàrr no ise. Ach nuair a bha am blàr a bha sin seachad aca, dhealaich 'ad ri chéile agus ghabh Raghnall Mac Ailein Òig a rathad fhéin 's ghabh ise a rathad fhéin.
Ach an ceann bliadhn' às a' sin, treis as a dheoghaidh sin, bha mac aig Mòr Mhòir. Agus bha an duine sin a' fàs, bha e fàs; bha e bàir cho math ri athair, Raghnall Mac Ailein Òig fhéin. Agus bhiodh Raghnall Mac Ailein Òig bhiodh e dol dha 'n bheinn sheilg.
Bhiodh e a' dol tric dha 'n bheinn sheilg agus bhiodh e a' dol astar mór dhol dhachaigh cuideachd, eadar na beinnean. Ach dh'fhàs an gille suas, an uair sin, bha e 'na dhuine. 'S fhuair e a-mach mu athair. Raghnall mac Ailein Òg—'s an spionnadh a bh' ann.
Cha robh fhios aige dé an dòigh a's a' faigheadh e ro mhath far a' robh athair, ach fhuair e [patha?] co-dhiù far an rachadh e coimhead airson athar 's dh' fhalbh e. Fhuair e an t-àit' allright far an robh athair a' fantail, ach mar a bha an gnothach an dàn, cha robh athair a-staigh, bha e a's a' bheinn sheilg.
Cha robh fhios aige ro mhath dé dhèanadh e an uair sin. Ged a dh' fhalbhadh e, faigheadh e athair, agus start e 'mach. Bha e dol a dheanamh rudeigin co-dhiù, dol a dh'fheuchainn ri tighinn cross air athair, agus cha do rinn e ach a dhol pìos beag o 'n taigh agus rinn e sheinn.
Agus an ceann treise, rinn e an dàrna sheinn. Ach a' fear a bha 'sa bheinn, chual' e 'n gnothach, chual' e an sheinn. Thuirt e ris fhéin, "Ma tha duin' air an t-saoghal an-diugh tha siud, 's e mo mhac a th' ann." Agus bha e mìl' air fhichead o 'n taigh, far a' robh e a's a' bheinn sheilg.
Chuir e chùl ris an t-sealg 's thàinig e dhachaigh 's bha a mhac roimh' ann a' shin, Mac Raghnaill 'Ic Ailein Òig. Agus tha e coltach gu robh 'ad—gur e daoine foghainneach a bh' annta agus cha robh Mòr—Mòr Mhòr cearbach.