GF265i03 SGRÌOB LIATH AN EARRAICH Beulaiche: Dan Rory Mhurchaidh | Dan Rory MacNeil Bha 'ad a' fuireach, trì boireannaich a bha seo, bha 'ad a' fuireach còmhla ri chéile. Uill, bha 'ad gòrach ach bha 'ad, bha 'ad math ach bha té aca, bha i beagan retarded, you know, car stupid mar sin, you know, as you call it. Anyway, by God, you know, bhiodh 'ad, bhiodh 'ad a' cur airgead a's a' bhogsa airson Sgrìob Liath an Earraich. O, a' cur poidhle ann cuideachd, you know. Well, by God, a-null a's t-earrach, a-null toiseach an t-samhraidh, you know, dh'fhalbh dithis aca, dithis, an fheadhainn a bha glé mhath. Dh'fhalbh 'ad agus chaidh 'ad dha 'n bhaile. 'S dh'fhàg 'ad an té seo a-staigh. Cha robh i cho responsible air a son fhéin agus ri càch, you know. Well, by God, bha fear òg a bha seo, a's an nàbachd, 's by God, chuala e, fhuair e 'mach mu dheidhinn a' bhogs' a bh' aca airson Sgrìob Liath an Earraich agus a h-uile sgàth. By God, fhuair e 'mach an uair sin gun do dh'fhalbh an dithis eile dha 'n bhaile. Cha robh na b' fheàrr ach dh'fhalbh e. Thug e dheth a h-uile stitch a bh' air, you know. Chaidh e dha 'n dorus co dhiubh agus rap e, rap e aig an dorus. Thàinig i, an nighean a bha seo, dha 'n dorus. "Có," ars' ise, "thusa?" "Mise," ars' esan, "Sgrìob Liath an Earraich 's tha mi," ars' esan, "ag iarraidh ge bi gu dé th' agaibh gléidhte 'son Sgrìob Liath an Earraich, tha mi 'ga iarraidh." Uill, by God, dh'fhalbh i 's thug i leath', dh'fhalbh i 's fhuair i am bogsa. Uill, bha roinn do dh'airgead ann alright. Bha fhios aig a' ghille air a' seo. God, fhuair i 'm bogsa 's thug i dha e 's dh'fhalbh e. Ach co dhiubh, thàinig na h-igheannan eile dhachaigh. "A' faca tu duine an-diugh?" "O," ars' ise, "'s mi fhìn a chunnaic sin," ars' ise, "mi fhìn," ars' ise, "a chunnaic sin." "Có bh' ann?" "Sgrìob Liath an Earraich," ars' ise. "Sgrìob Liath an Earraich?" "Shea'." "Có ris ... an dug thu dha...?" "Thug mi dha," ars' ise, "am bogsa. Am bogsa as a robh an t-airgead." "Có ris a robh e coltach?" "Uill," ars' ise, "bha e coltach gu leòr. Bha e 'na dhuine. Bha làmhan air 's bha casan air. Ach," ars' ise, "aon rud," ars' ise, "a chuir puzzle orm, bha cas bheag ghoirid air" ars' ise, "'s, a's a mheadhan."