Raghnall Mac Ailein Òig agus Eóghann a' Chinn Bhig
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF262i02_263i01E RAGHNALL MAC AILEIN ÒIG AGUS EÓGHANN A' CHINN BHIG
Beulaiche: Dòmhnall Aonghais mac Fhionnlaigh 'ic Iain 'ic Iain 'ic Fhionnlaigh Mhóir | Dan Angus Beaton
Dan Angus Beaton: Uill tha mi a-nist air naidheachd Ailein Òig—'se naidheachd eile tha seo, air an aon fhear. Ach fimiridh mi mi fhín a' watchadh ach dé bheir mi anns an naidheachd seo, tha thu 'tuigsinn.
Bha Raghnall Mac—bha Eóghainn a' Chinn Bhig, 's e caiptean a bh' ann anns an arm, tha thu 'tuigsinn? Is bha e pòsd' aig 'ic Illeathain. Agus bhiodh e fight bhaitealachan le diubhar sliochdan, is bhiodh baiteal eagallach ann aige corra uair, eagallach aige corra uair.
Agus bha baideil uabhasach a' tighinn dheth, an ceann là no dhà. Agus chaidh e a choimhead air ban-fhiosraiche, feuch an innseadh i dha ciamar a bha am baiteal dol a dhol leis, an robh am baiteal dol a dhol leis, tha thu 'tuigsinn?
John Shaw: Tha.
DAB: Cinnteach gu leòr, dar a chaidh e a-staigh far a' robh i, thuirt i, "Tha sin uile a-réir ciamar a nì 'bhean riut madainn a' bhaiteil, madainn a dh'fhimreas tu falbh airson a' bhaiteal sin fhight. Agus a-nist," thuirt is', thuirt i ris, "ma dh'éireas a' bhean agad, gun iarraidh, 's do bhreacaist a dheanamh dhut, toilichte air sin a dheànamh, agus i duilich 'gad fhaicinn a' falbh, coisiridh tu am baideal. Is mur an éirich i, is mur faigh i do bhreacaist dhut gu toileach, caillidh tu 'm baiteal."
Cinnteach gu leòr, 'sa mhadainn tràth, bha aige ri falbh mu leth uair an deaghaidh còig 'sa mhadainn. Cha ghluaiseadh ise á leaba. Is cha ghluaiseadh, 's cha ghluaiseadh. Bha e 'feitheamh, 's a' feitheamh, 's a' feitheamh, 's mu dheireadh thall, bha an ùine suas gu fhimireadh e bhi falbh. Rug e air bròg, 's shad a' bhòg a' rathad ás a' robh i anns a' leaba. "Cha ghluaiseadh Dia no an Deamhan fhéin a' bhean agam-as an-diugh," ars esan. Bha i tough.
Ach, dh'fhalbh e. Agus thuirt e 'n uair sin, bha e 'falbh a-mach ás an taigh, "B'e mo bheò 's mo mharbh," ars esan, "as deaghaidh Cloinn 'Illeathain." 'Se sin agad tribe, aon tribe do Chloinn 'Illeathain, Cloinn 'Illeathain a' bhata bhuidhe. Tha thu tuigsinn?
JS: Tha.
DAB: Gum biodh iad, gum biodh e ás deaghaidh, fad 's a bhiodh saoghal ann. Agus dh'fhalbh e. 'S chaill e am baideal. Agus chaidh a mharbhadh. Agus bidh na chaiptean anns a', anns an arm, bhiodh àsan daonan air muin eich. Chaidh a mharbhadh anns a' bhaiteal, agus an deaghaidh dha bhith air a mharbhadh anns a' bhaiteal, bitear—bha e a' deanamh cron mór air fheadh na dùthaiche. Chan ann do Chloinn 'Illeathain, ach do 'n a h-uile duine bh'ann. Agus gu h-àraid anns an oidhche, thigeadh e air n-adhart, nam biodh duine a' coiseachd, gun d'thugadh e leath' air muin an eich e. Cha rachadh a' faicinn gu bràth tuillidh. Tuigsinn?
JS: Tha.
DAB: Ach, bha seo a' dol air n-adhart iomadh bliadhna, ann an Albainn, gus an d'thàinig Raghnall mac Ailein Òig gu bhith na dhuine òg làidir, is gu dearbh, bha e làidir. Agus bha e a' coiseachd a' rathaid oidhche bha seo, is thàinig am macrach a bha seo air a chùlaibh. Agus cò a bh' ann, ach Eóghainn a' chinn bhig. Bha e astar coiseachd, laghach coiseachd aige ri dheanadh, agus dh'oifrig am marchraiche dha ride air a chùl air muin eich. Thuirt e ris gu rachadh e air muin eich còmhla ris, gum biodh e toileach. Agus dh'fhaighneachd e dheth, "Càit a bheil thu 'dol?". Is dh'inns Raghnall dha. "Uill," thuirt esan, "Tha rathad cross a' bheinn ann a' seo. Gheibh sinn ann nas luaithe." Uill 's ann dol chuir ás do Raghnall a bha e, is bha sin bu choireach a bhith a' gabhail a' rathad goirid a bha seo, ma 's fhìor, cross thro 'n bheinn a bha seo.
Ach mar a thachair dha, dar a bha e 'dol cross, cha robh ann ach car do cheum coiseachd is bha an t-each ga leanachd, is bha esan ga leanachd mun chuairt. Thuig Raghnall mac Ailein Òig dé bha 'dol air n-adhart. Thuirt e, "Cha chreid mi nach tig mise far an eich, nach start mi air coiseachd."
"Chan eil thu 'dol a dh'fhaighinn far an eich seo tuillidh," thuirt esan, "Bho nach d' fhuair iomadh duine air a bharrachd ort."
"Uill, chì sinn mu dheidhinn sin," thuirt Raghnall. Is rinn e greim air, chuir e làmh mun chuairt air. Tha thu 'tuigsinn. 'S bha craobh mhór, bheithe no mhéibeal direach làmh ri taobh a' rathaid, chuir e làmh eile mun chuairt air a' chraobh mhéibeil, is chùm e greim airsan ann a' sin. Agus stad an t-each, tha thu 'tuigsinn. Is dh'éibh Eóghainn a' Chinn Bhig ris an each a dhol air adhart. Ma chaidh, start an t-each air tarraing, start a' fear eile air cumail. An diabhail mura robh Raghnall na bu làidire. Start a' fear a bh' air an each a' tighinn dheth. 'S dh'éibh e ris an each, "Stad!" Agus leis bu sin tha e na fhiaradh, tha e na shuidhe air fhiaradh air muin an eich, dh'ionnsaigh a' là an-diugh. Thug—chuir e air fhiaradh e, 'ga thoirt dheth. Agus thuirt e ri Raghnall, "Be dé nì thu, na toir far an each mi."
"Tha thu 'tighinn far an each ged nach deànainn-sa sian eile gu bràth ach sin," thuirt Raghnall ris.
"Uill," thuirt esan ris, "tha mise de dh'uabhas cron a dheanamh a's an t-saoghail, ach ma dh'fhàgas tu air an each mi, nì mi rud sam bith a dh'iarras tu orm a dheànamh," thuirt esan.
"Uill all right, fàgaidh mi air an each thu," thuirt esan, "air aon chùmhnant—nach cuir thu trioblaid air duine gu bràcha tuillidh. Thu fhéin, no do chuid each."
Agus anns an tarraing a bh' ann, loosaich an t-each té dheth na cruidhean a bh'air na casan aige, leis a' spìonadh a bha e 'deanadh, 's cho làidir 's a bha e 'tarraing, thàinig té dheth na cruidhean loose air a' chas.
Agus thuirt esan, "Mar sin, cha chuir mi trioblaid air duine, ach gun tig tric m' fhaicinn," thuirt esan, "aig faireachan 's aig tìodhlachadh, na Cloinn 'Illeathain a tha à muinntir a' bhata bhuidhe."
Agus tha pàirt dhiubh sin mu chuairt ann a' seo. Chan fhaca mi fhín iad, ach chuala mi poidhle a chunnaic. Is a h-uile h-uair a dh'eugas cuideigin dhiubh seo, biodh e mun chuairt air an taigh, 's air an fhaire. Is bitear a chluinneil an each, leis a' chras, chrudha lasmhor, seo air a' chas aige, a' gliongadaich 's a' gliogadaich, mar a bhios e a' dol mun chuairt.
Agus tha sin ann dh'ionnsaidh a' là an-diugh, 's tha poidhle mu chuairt a' seo a chunnaic e. Ged nach fhaca mise e, tha poidhl' ann a chunnaic e. Agus shin agad naideachd Raghnall mac Ailein Òig.
Innse—tha e 'son fhaighinn a-mach càit an cuala mise an naidheachd tha seo. Tha 'n naidheachd sin nas sine na tha mise is bha i aig na h-uile gin. Bha i aig mo sheanair is aig mo sheanmhair 's aig na h-uile gin dhe na daoine. Chan eil fhios a'm ciù tha i aig barrachd na agamas no nach eil, chan urrainn nach eil. 'S e—cluinnidh mi tric mu dheidhinn Raghnall mac Ailein Òig, tha thu 'tuigsinn?
JS: Tha.
DAB: Ach shiud agad mar a fhuair mis' an naidheachd. Agus 's e siud an duine a bh' ann. 'S e 'Big Ramsay MacDonald' a bh' ann—Ramsay MacLeod a bh' ann, is tha sgeul air an fhear sin, ann an Albainn. Agus bha e na dhuine uabhasach làidir. O, 's e sin a' fear a bh' ann. Is siud mar a fhuair e an t-ainm, "Raghnall mac Ailein Òig" b'e mac—bha dà Ailein anns an teaghlach, agus b'e esan mac Ailein Òg. Agus 's e Raghnall mac Ailein Òig a bha a' falbh air na ainm an àite Ramsay MacDonald, anns a', anns a' —