Back to recordings

Am Fear a Thairg Làn Plaoisg Uighe do Bhainne

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF261i05 AM FEAR A THAIRG LÀN PLAOISG UIGHE DO BHAINNE


Beulaiche: Dòmhnall Aonghais mac Fhionnlaigh 'ic Iain 'ic Iain 'ic Fhionnlaigh Mhóir | Dan Angus Beaton



[Dan Angus Beaton:] 'S e naidheachd aig an fhear a thàinig a-nall às a...dé an t-àite a thuirt mi?


[John Shaw:] Às a' Phòn Mhór.


[DAB:] Às a' Phòn Mhór. Chuir e seachad oidhche còmhla rinn a' seo. 'S e duine a bh' ann a bha 'dol mun chuairt a' collecteadh airson banntraich a chaill a taigh le teine. Bha clann bheag aice 's bha pàipear aige a dheanadh e suas ris an... bho 'n t-sagart às a' Phòn Mhór, airson mhinisteir às an àite, airson gu faigheadh 'ad cuideachadh, gu faigheadh am boireannach seo cuideachadh bho gach duine a b' urrainn cuideachadh a thoirt dhuibh. 'S ann an àm an depression mhór a bh' ann. Tha thu tuigsinn?


[JS:] Seadh


[DAB:] Agus chuir e seachad an oidhche còmhla rinne a-seo, thàinig e anmoch feasgar. Agus gheibheadh e [ruigeachd?].


Dh'fhuirich e còmhla rinn fad na h-oidhche agus dh'fhaighnich e a' faodadh e fuireach fad na h-oidhche 's thuirt sinn ris gu dearbh gu faodadh, gu robh taigh mór againn ann a' seo, is pailteas rùm, 's cho robh ann ach mi fhìn agus mo mhàthair 's aon nighean bheag eile a bha a-staigh còmhla rinn aig an àm, cha robh mise pòst' aig an àm.


"Alright," thuirt e rium. Bha sinn a' bruidhinn fad na h-oidhch' 's bha e na dhuine gasta, 's duine laghach bruidhinn ris. Ach an deaghaidh an oidhche a chuir e seachad an uairsin bha e 'falbh sa' mhadainn a' làrna-mhàireach, 'dol a dheanamh tuilleadh siubhail is truiseadh dha'n bhoireannach a chaill an taigh agus thuirt e riumasa is ri m' mhàthair, "[Dh' ionnsaich/ùsaid?] sibh mise uabhasach math a-seo. Agus leis a sin, b' fhìor thoil leamasa fàbhar a dheanamh ribhse a-nist airson na rinn sibh rium".


Agus thug mise dha dolar an uair ud. 'S e poidhle airgead a bh' ann an dolar an àm an uair ud. "Uill," thuirt esan, "cho damainte daor 's gu bheil tàirnean," thuirt esan, "gheibh sinn fichead punnd do thàirnean dhiubh co-dhiù," ach chan fhaigheadh e móran do fhichead punnd an-diugh do thàirnean aison an taighe a thogail.


Chuir e seachad an oidhche còmhla rinn 's bha e falbh a-niste, 's bu toil leam fàbhar a dheanamh ribh agus, "Tha mi faicinn," ars' esan, "gu bheil canachan bainne agaibh a-seo. Chan urrainn nach eil sibh a' reic bainne."


"Tha," thuirt mi ris, "tha mi a' reic bainne ann a' Suidni".


"Uill a-nist," ars' esan, "a fàbhar a nì mise ribh, ma thogras tu," thuirt e, "bheir mise dhut," thuirt esan, "làn plaoisg ugh circe bho 'n a h-uile mart deich mìle an ear 's an iar, 's an tuath, 'san deas às far a bheil thu a-seo" thuirt e. "'S nì sin poidhle siud, o choinn tha poidhle crodh anns na crìochan seo."


"Uill," thuirt mise ris, "chan eil làn plaoisg no làn spàinn, no làn do rud eile a dhìth ormas, chan eil a dhìth ormasa" thuirt mise ris "ach dìreach a bhith toilichte airson an dolar a fhuair thu airson a bhith toilichte 'son an oidhche a chuir seachd, chan eil mi ag iarraidh sian sam bith eile ort," thuirt mise, "chan eil sin a dhìth orm idir."


"Ach, rachadh agamas," thuirt esan "air siud a dheanadh air do shon nan togradh tu".


"Chan eil mi—leithid a' rud a dhìth orm idir."


Dh'fhalbh e. Uill a-nis, bha mi 'faighneachd do dhiubhar feadhainn dhi, co-dhiù a rachadh aige air a' siud a dheanamh. Tha feadhainn ag ràdhainn rium gu rachadh, 's tha feadhainn eile ag ràdhainn rium nach rachadh. Ach cha do ghabh mise an tairgse ann an dòigh sam bith a-nis. Tha sin agad an naidheachd aig an fhear sin dhut.



Dan Angus Beaton
A' Chreag Dhubh | Blackstone 14 recordings Faic pròifil | view profile