Na Trì Ceisdean aig an Fhear Ionnsaichte
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF260i06_261i01 NA TRÌ CEISDEAN AIG AN FHEAR IONNSAICHTE
Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald
Ann an Alba o chionn ùine mhór, bha professor of science, fear fearainn, agus bha e a' deanamh a-mach gura h-e fhein an duine a b’ ionnsaichte a bha 's a sgìreachd. Agus bha sagart a's an àite agus bhiodh e daonnan a' smaointinn dé fiosrachadh a bh' aig an t-sagairt. Agus chuir e brath thuige, gu robh toil aige a' sagairt a choinneamh air là àraid agus gu robh e 'dol a chuir trì ceistean air, agus mura freagradh e na ceistean, gun cuireadh e crìoch air an t-sagairt a's an àite.
Agus chaidh a' sagairt air n-ais agus bha cùram mór aige. Ach bha bràthair aige, bha e air leth-shùil. Agus thuig a bhràthair gu robh rudeigin ceàrr air an t-sagairt agus dh'fhaighneachd e dha, agus dh'innis a' sagart dha gu robh aige ris a' phrofessor of science a choinneamh agus freagairt a thoirt air trì cheistean a chuireadh e air. Agus thuirt e gu robh e 'cur cùram mór air. Agus thuirt a bhràthair ris nach robh ann-san ach bodach cam agus nach deanadh e cus dragh mura freagradh e na ceistean, agus gu rachadh esan ann na àite. Agus 'se twin dhe 'n t-sagart a bh' ann.
Ach air a' là àraid, dh'fhalbh e agus thug e leis bonnach ann an neapraig mhór. Agus nuair a chaidh e 'staigh, chuir am professor of science suas aon chorrag. Chuir am bodach suas dà chorrag. Agus chuir am professor of science suas a' trì. Agus nuair sin bhuail am bodach a dhòrn air a' bhòrd. Nuair sin thug am professor of science a-mach ubhal mhór bhreagha, agus thòisich e air a h-ithe. Agus cha do chuir sin cus dragh air a' bhodach, thug e am bonnach ás a' neapraig agus thòisich e air ith' a' bhonnach. Ach co-dhiù, nuair, rug am professor of science air làmh air agus thuirt e gur e duine ionnsaichte a bh' ann dha-rìribh.
Ach nuair a dh'fhalbh e, dh' fhaighneach, bha am professor of science ag innse, cho ionnsaichte 's a bha an duine bha siud, nuair a chuir mise suas mo chorrag, thuirt mi gu robh aon Dia ann. Thuirt esan gu robh dà phearsa ann an Dia, agus thuirt mise, chuir mi suas gu robh trì ann. Bhuail esan a dhòrn air a' bhòrd agus dh'inns e dhomh gu robh na trì pearsaichean ann an aon inntinn. Co-dhiù, dh'fhalbh am bodach dhachaigh, agus dh'fhaighneachd a' sagart dha dé mar a fhuair e air n-aghaidh. Agus thuirt e gun d'fhuair e air n-aghaidh glé mhath.
Thuirt e ‘nuair a chaidh mi staigh, chuir e suas aon chorrag ag innse dhomhsa gun robh unnam ach aon suil. Thuirt mise gun robh a dhà annsan agus chuir e suas a thrì chorragan ag innse dhomh mun dhà a bh’aigesan agus an aon suil a bh’agamsa, gun deanamh e trì. Bhuail mise mo dhorn air a bhòrd ag innse dha gun cuirinn an dà shuil as le mo dhorn ris an aon t-suil a bh’agamsa. An uairsin thug e amach an ubhal a fiachainn dhomhsa am biadh math a bh’aige ri ithe. Thug mis’ amach an t-aran a rinn mi làidir, ach rinn mi mearachd.
An professor of science nuair a bha e ag innse mu dheidhinn am bodach thuirt e gun tug mi an ubhal as mo agus thoisich mi ri a h-ithe ag innse gur h-e an ubhal a pheacaich an saoghal. Agus thug esan an t-aran as an neapraig ag innse dhomhsa gur e an t-aran a shaoraich an saoghal.