GF260i05N MACÌOMHAIR AGUS AM MINISTEAR Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald Bha an duine bha seo, bha e 'g obair do mhinistear a bha ann an àite, agus chaidh iad a-mach air a' chéile, agus dh' fhàg an duine am ministear. Ach an ceann treiseadh thàinig e air n-ais aon oidhche agus bha mart aige, is bha toil aige am mart a chreic. Agus chaidh e a choimhead air a' mhinistear, agus bha 'm mart aige. Agus choimhead am ministear air a' mhart agus bha e a' smaointinn na inntinne fhéin leis cho coltach 's a bha i leis a' mhart a bh' aige 's an t-sabhal, gum biodh i math. Agus cheannaich e 'm mart. Agus nuair sin, nuair a bha an seirbheiseach a' falbh, thuirt - bha am ministear a' faighinn deiseil airson am mart a chuir 'san t-sabhal, agus thuirt a' seirbheiseach ris nach ruigeadh e leas, gun cuireadh e fhéin am mart a's an t-sabhal, agus nach ruigeadh e leas aodach a chuir air airson a dhol a-mach. Co-dhiù, 's ann mar seo a thachair. Ach nuair a chaidh am ministear dha 'n t-sabhal a' làrna-mhàireach, dé bha air thoiseach air ach am mart aige fhéin, agus làr a h-aodann air a peantadh le peant geal. Dh'fhalbh am ministear an uair sin agus fhuair e each agus diollaid, agus dh'fhalbh e as deaghaidh an t-seirbheiseach. Agus bha, bha e a' falbh fad trì na ceithir do mhìltean nuair a chunnaic e air thoiseach e air a' rathad. Agus an uair sin bha taigh faisg air a' rathad agus chunnaic e and duine a' dol sìos a dh'ionnsaigh an taighe agus chaidh e a-staigh. Chòrd seo ris a' mhinistear, agus nuair a thàinig e a dh'ionnsaigh a' rathad a dh'ionnsaigh an taighe, cheangal e an t-each ri pòsta aig a rathad, agus chaidh e suas - sìos - agus ghnog e aig an doras. Agus thàinig boireannach a dh'ionnsaigh an doraist agus dh'fhaighneachd e càit' a' robh an duine a thàinig a-staigh. Thuirt ise ris nach d' thàinig duine a-staigh idir, nach fhaca ise duine. Agus bha iad a' bruidhinn, agus bha 'm ministear a' fàs crosda. Bha e a' smaointinn gun robh 'm boireannach 'cumail an duin' a falach. Ach nuair sin choimhead i suas agus dh'fhoighneachd i dha 'n ministear có an duine bha 'dol air an each a bh' aig a' rathad. Agus thug an seirbhiseach, ghoid e an t-each, agus thug e an t-each leis agus reic e an t-each ann am Baddeck. Agus fhuair e airgead airson a dhol dha na Staitean. Cha robh e ann a' sin ach bliadhna no dhà nuair a mharbh e duine, agus chaidh crìoch air a's an electric chair.