GF260i04 A' GOID NAN CORP Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin, Sionainn ni'n Aonghais | Shannon MacMullin An toiseach an t-saoghail, nuair a gheobhadh duine 'm bàs, bha cuid dhe na dotairean, bhiodh iad a' togail a' chorp agus ga thoirt leotha. Agus bha fear anns an àit a thuig dè bha dol air n-aghaidh agus an oidhche bha seo, bha e mun cuairt a' chladh agus chunnaic e na dotairean—dà dhotair—a' tighinn agus dà each is carbad aca. Agus thug iad leotha piocaidean is sluasaidean agus chaidh iad a chladhach na h-uaghach aig an duine chaidh a thìodhlaigeadh an làtha sin. Agus dh'fhalbh iad agus thug iad an corp as an uaigh agus chuir iad eatorra anns a' charbad e. Ach an uair sin, thuirt an dotair gum feumadh iad a dhol air n-ais dhan chladh agus na piocaidean agus na sluasaidean fhaighinn. Agus dh'fhalbh am fear a bha seo agus thug e 'n corp as a' charbad agus chuir e ri taobh an rathaid e agus shuidh e fhèin far an robh an corp. Nuair a thàinig na dotairean air n-ais, cha do rinn iad ach falbh pàirt dhen rathad nuair a thuirt aon dotair ris an fhear eile; "Tha 'n corp tha seo blàth!" Agus fhreagair am fear a bha sa mheadhoin; "'S ann blàth a tha 'n t-àit' as an tàinig mi!" Body Snatching When the world began, when a person died, some doctors, they used to exhume the body and take it with them. And this fellow here realized what was going on and this night, he was about the graveyard and he saw the doctors-two doctors coming with two horses and a wagon. And they had pickaxes and shovels with them and they went to dig the grave of the man who had been buried that day. And they went and took the body out of the grave and placed it between them in the wagon. But then, one doctor said that they would have to go back to the graveyard to retrieve the picks and shovels. And this fellow went and took the body from the wagon and placed it by the side of the road while he himself sat where the body had been. When the doctors returned, they only went part of the way when one doctor said to the other: "This body is warm!" And the fellow in the middle replied; "Indeed, it is a warm place that I came from!"